Dà il ga h-iarraidh air cùmhnant ùr nan aiseagan
- Air fhoillseachadh
Chaidh iarraidh gun tèid dà il air cùmhnant ùr nan aiseagan a thoirt seachad às dèidh mar a dh'fhà g à rd-stiùiriche ChalMac a dhreuchd.
Thà inig e am bà rr Diciadain gun robh Robbie Druiminneach a' falbh às dèidh sia bliadhna aig an stiùir.
Tha connspaid gu leòr air a bhith a' cuairteachadh ChalMac anns na bliadhnaichean sin le uallach mòr air an lìonra air sgà th cho aosta 's a tha cuid de na bà taichean, is dà il cuideachd air aiseagan ùra.
Tha na h-uimhir de mhì-thoileachas air a bhith ann cuideachd mun dòigh 's an do chleachd CalMac na bà taichean aca nuair a bha duilgheadasan san lìonra, is cuid de choimhearsnachdan den bheachd gun robh iadsan a' fulang barrachd na feadhainn eile.
Dh'fhà g seo Robbie Druiminneach tric a' feuchainn ri coimhearsnachdan nach robh idir air an dòigh a riarachadh.
Chaidh a cheasnachadh le muinntir Uibhist a Deas air thuras dhan eilean as t-Samhradh 2023 is fearg ann mun t-seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdail.
Dìreach an t-seachdain seo chaidh bha e ann an Àird nam Murchan is muinntir Chille Chòmhain ag iomairt mun t-seirbheis acasan.
Ann am brath-naidheachd Diciadain, thuirt CalMac gun deach ath-sgrùdadh a dhèanamh air à rd-cheannas na buidhne is gu bheil Mgr Druiminneach a' fà gail a dhreuchd sa bhad.
Ach a dh'aindeoin gach duilgheadais a bh' ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh, nochd na h-uimhir de cho-fhaireachdainn do Mhgr Druiminneach.
"Chanainn aig an ìre seo gun robh tòrr aig an Riaghaltas ri dhèanamh ris, gun deach Robbie fhèin a phutadh a-mach às an dreuchd aig an à m seo," thuirt cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
"Tha cùisean a' coimhead nas fheà rr a' dol air adhart anns a' bhliadhna no dhà a tha romhainn is mar sin tha iongnadh orm gun do thachair e mar seo aig an à m seo.
"Mar a bhios mi a' cumail a rà dh, tha barrachd coire aig feadhainn eile 's th' aig an à rd-oifigear aig CalMac.
"Tha dùbhlain uabhasach air a bhith roimhe le cion aiseagan is a bhith fèir timcheall air, tha e air a bhith gu math deònach tighinn a bhruidhinn ri coimhearsnachdan uile, is tha gu leòr dhiubh sin ann a tha air a bhith a' gearan mu dheidhinn aiseagan.
"Chan eil a' choire uile aige idir. Tha seo a' dol air ais faodaidh tu a rà dh 30 bliadhna far an robh còir a bhith a' togail aiseig ùir a h-uile bliadhna," thuirt e.
Bha an aon seòrsa duain ann an Arainn, à ite eile far a bheil trioblaidean mòra aiseig air a bhith ann.
"Tha mi car brònach oir tha mi a' smaointinn gun robh CalMac ann an suidheachadh glè dhoirbh anns na bliadhnaichean mu dheireadh," dh'innis Sally Chaimbeul bho Bhuidheann Gnìomha Aiseig Arainn.
"An luchd-obrach fhèin, agus Robbie Druiminneach, rinn iad an dìcheall," thuirt i.
Rinn na pà rtaidhean dùbhlanach ann am Pà rlamaid na h-Alba uile cà ineadh air an Riaghaltas is iad ag rà dh gur e "bùrach mòr" a th' ann, agus gur e an SNP fhèin as coireach airson an t-suidheachaidh.
Dh'iarr na Tòraidhean air an Riaghaltas mìneachadh "carson a chaidh ceannard ChalMac a chur às a dhreuchd" is thuirt na Là baraich gun lean duilgheadasan leis na h-aiseagan "gus am faigh riaghaltas an SNP na h-aiseagan a dh'fheumas sinn".
Thuirt na Lib Deamaich gun robh ceannard aiseig eile air falbh ach nach robh ministearan sam bith san Riaghaltas fhèin air uallach a ghabhail.
Thà inig an naidheachd mu Robbie Druiminneach dìreach seachdain às dèidh do Dhà ibhidh Tydeman a dhreuchd a chall mar cheannard Gà rradh MhicFhearghais.
Chaidh Mgr Tydeman fhastadh ann an 2022 is an dà aiseag a tha gan togail sa ghà rradh fada air dheireadh is fada thar bhuidseit.
Chaill e an obair aige is dùil ri dà il a bharrachd is gu bheil cosgais nam bà taichean a-nise a' teannadh ri £400m.
Ach tha Ùisdean Robasdan ag rà dh nach eil na gluasadan seo aig Gà rradh MhicFheargais is CalMac a' toirt atharrachadh air an t-suidheachadh san fharsaingeachd is gu bheil cruaidh-fheum fhathast air ath-sgrùdadh air structar nan aiseagan ann an Alba uile gu lèir, bho ChalMac gu Riaghaltas na h-Alba.
Is a thuilleadh air sin, tha e a' cumail a-mach gu bheil ceistean mòra ann a-nise mu chùmhnant ùr nan aiseagan.
Tha Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn gu bheil iad airson an cùmhnant ùr a thoirt do ChalMac gun pròiseas tairgse a bhith ann.
Tha dùil ri co-dhùnadh air sin as t-Samhradh is an cùmhnant a th' ann a' tighinn gu ceann san t-Sultain.
A rèir Mhgr Robasdain, bu chòir a-nise dà il a chur air a' phròiseas.
"Tha mi a' smaoineachadh leis an naidheachd seo gum feum iad dà il a chur agus gum feum iad coimhead air seo a-rithist is barrachd ùine a thoirt dha.
"Bha gu leòr a bha fada an aghaidh an cùmhnant a thoirt dhaibh. Cha robh mise mar sin idir; tha mi a' tuigsinn carson a bheireadh tu an cùmhnant dhaibh, ach bha sinne fad an t-siubhail ag rà dh gun fheumte coimhead ri structar ChalMac fhèin, agus gu h-à raid roinn nan aiseagan aig Còmhdhail Alba - mar a tha iad ag obrachadh còmhla.
"Chanainn gur e deagh rud a bhiodh ann nan cuireadh iad beagan dà il air seo 'son coimhead ris san fharsaingeachd," thuirt e.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil co-dhùnaidhean a thaobh dreuchd à rd-stiùiriche ChalMac an urra ri cathraiche is bòrd na companaidh.
Thug iad taing dha Robbie Druiminneach is iad ag rà dh gu bheil iad a' guidhe gach soirbheachas dha.
'S e Donnchadh Mackison, a bha roimhe na Àrd-Stiùiriche air Dà ibhidh Mac a' Bhriuthainn Eta, a dh'ainmich CalMac dhan dreuchd san eadar-ama, gus an tèid Àrd-Stiùiriche ùr là n-ùine ainmeachadh.