Gearan mu aiseagan Arainn
- Air fhoillseachadh
Tha gearanan ann an Arainn mu sheirbheis an aiseig às dèidh dhan MV Caledonian Isles briseadh sìos.
'S e an MV Isle of Arran, a tha nas lugha, a tha air an t-slighe eadar an t-eilean is Àird Rosain air Tìr-Mòr a-nise is CalMac ag rà dh nach urrainn dhaibh à ite a ghealltainn do luchd-siubhail.
Chan eil e comasach à ite a chur air dòigh air bòrd ro là imh.
Nochd trioblaid le fear de dh'einnseanan an MV Caledonian Isles Didòmhnaich.
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi i a-nise a-mach à seirbheis ùine airson obair-chà raidh is dùil ri tuilleadh fiosrachaidh Dihaoine.
Thuirt CalMac gum bu chòir do dhaoine siubhail às aonais chà raichean ma 's urrainn dhaibh.
Tha iad cuideachd ag rà dh gun urrainn do dhaoine an t-seirbheis eadar Claonaig is Loch Raonasa a chur gu feum is barrachd sheòlaidhean air an t-slighe sin.
Thabhainn a' chompanaidh leisgeul ach tha daoine san eilean mì-thoilichte, is iad ag rà dh gu bheil seo mar thà air buaidh mhòr a thoirt orra aig à m nuair a tha seirbheisean aiseig gu math trang.