Dùbhlan do bhuidhinn-riaghlaidh Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid
- Air fhoillseachadh
Thèid oidhirp a dhèanamh Diardaoin le buidheann de chomhairlichean dùbhlanach air riaghladh Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid a ghabhail thairis.
Tha an Caidreachas Dùbhlanach Ro-innleachdail air coinneamh shònraichte a ghairm, 's iad mì-thoilichte ri linn na connspaid a bh' ann leis a' chìs-chomhairle.
Chuir a’ bhuidheann-riaghlaidh a th’ ann an-drà sta à rdachadh 10% romhpa sa chìs-chomhairle ach tha iad a-niste am beachd a reòthadh.
'S iad buill SNP as motha a tha sa bhuidhinn, a thuilleadh air aon chomhairliche LÃ barach, agus dithis neo-eisimeilich.
Tha iad ag iarraidh cur às de riaghladh na buidhne a tha os cionn na comhairle an-drà sta, fo stiùir a' Chomh. Robin MacMhuirich, a tha na Lib Deamach.
'S e measgachadh de bhuill Lib Deamach agus Tòraidheach a th' anns a' bhuidhinn-riaghlaidh, a thuilleadh air grunnan chomhairlichean neo-eisimeileach.
Tha 36 buill air a' chomhairle uile gu lèir, agus dh'fheumadh cuid eile de na buill neo-eisimeileach a dhol a-null gu taobh buidheann an SNP airson riaghladh an ùghdarrais atharrachadh.
Seirbheisean is Obraichean
Fon aonta a rà inig a' Chomhairle airson a' chìs-chomhairle a reòthadh, gheibh iad £2.3m a bharrachd airson dèiligeadh ri buaidh droch aimsire.
Tha sin gu h-à raid air an aire agus am prìomh rathad eadar an t-Òban agus Ceann Loch Gilp, an A816 fhathast dùinte às dèidh maoime-slèibhe as t-fhoghar, le seach-shlighe fosgailte fo shiostam conbhoidh.
Gheibh iad cuideachd £1.1m às a' chòrr air £60m a bharrachd a thig a dh'Alba bho Riaghaltas Westminster.
Sin a bharrachd air cha mhòr £3m a gheibh iad bho Riaghaltas na h-Alba airson a' chìs-chomhairle a reòthadh.
Thèid suidheachadh na cìse-comhairle a chur air beulaibh bhall aig coinneimh shònraichte air a' 15mh là den Ghiblean, far am bi moladh ann a reòthadh.
Thuirt ceannard na Comhairle, Robin MacMhuirich, gun deach aca air seirbheisean agus obraichean a dhìon leis an aonta a rà inig iad le Riaghaltas na h-Alba, agus gur e sin am prìomhachas a bh' aige.