91Èȱ¬

Earra-Ghàidheal is Bòd a' coimhead às ùr air a' chìs-chomhairle

Comhairle Earra-Ghàidheal is BhòidTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' coimhead às ùr air a' chìs-chomhairle a reòthadh às dèidh dhaibh barrachd airgid fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Bhòt comhairlichean na sgìre air a' mhìos seo chaidh gus a' chìs a chur suas 10%.

Às dèidh chòmhraidhean le Riaghaltas na h-Alba, tha ceannard na Comhairle, Robin MacMhuirich, a-nise ag ràdh gum mol e reòthadh na cìse aig coinneimh shònraichte an ath-mhìos.

Bha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid is Comhairle Inbhir Chluaidh air cur an aghaidh poileasaidh an Riaghaltais gus a' chìs a reòthadh.

Nochd iomairt às dèidh sin nuair a thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Shona Robison, nach fhaigheadh na comhairlean seo an cuid de mhaoineachadh a bharrachd bhon Riaghaltas.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-nise air innse gu bheil iad air taic a bharrachd fhaighinn airson dèiligeadh ri buaidh fìor dhroch shìde.

"Faodaidh sinn a-nise coimhead ri cìs na Comhairle a reòthadh 'son na bliadhna ri thighinn," thuirt an Comh. MacMhuirich.

"Tha sinn air a bhith ag iomairt airson taic cheart do Earra-Ghàidheal is Bòd a bheireadh feart air buaidh na sìde uabhasaich a bh' anns an Dàmhair an-uiridh.

"Rinn sinn argamaid gu math làidir 'son sin aig coinneimh le Riaghaltas na h-Alba san Fhaoilleach is tha sinn air cuideam a chur air ministearan bhon uair sin air cuspairean eile.

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil iad air èisteachd rinn," thuirt e.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gum faigh iad £2.3m mu choinneimh buaidh na sìde, £1.1m bhon airgead a bharrachd 'son aontachadh an reòthadh a chur an sàs, is £2.86m bhon mhaoineachadh a bh' ann 'son an reòthaidh bho thùs.

Thuirt an Comh. MacMhuirich gu bheil seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha riaghaltas ionadail.

'S e prìomhachas an ùghdarrais bho thùs, thuirt e, dìon a chur air seirbheisean is cosnaidhean.

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air a' ghluasad bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.