A' chìs-chomhairle suas 10% an Earra-Ghà idheal
- Air fhoillseachadh
Bhòt comhairlichean ann an Earra-Ghà idheal is Bòd gus a' chìs-chomhairle a chur suas 10%.
'S e Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a tha air a dhol an aghaidh poileasaidh Riaghaltas na h-Alba gus a' chìs a reòthadh.
Bha an riaghaltas air barrachd airgid a thabhainn oidhche Chiadain feuch aonta a ruighinn.
Bhòt comhairlichean airson an à rdachaidh ge-tà , is toll £40m romhpa.
'S e à rdachadh timcheall air 6% a bha oifigich air moladh is bha iongnadh air cuid de na comhairlichean gun deach 10% a chur air adhart.
Thuirt ceannard na comhairle, Robin MacMhuirich, nach robh e airson a' chìs a chur suas 10% ach nach robh "dol às eile ann" ma bha iad airson seirbheisean is obraichean a ghlèidheadh.
Tha an t-à rdachadh a' ciallachadh gum bi taighean ann an Bann D ann an Earra-Ghà ideal is Bòd a-nise a' pà igheadh £1,627.12.
Bha moladh air beulaibh na comhairle cuideachd gus Àrd-sgoil Thobar Mhoire a sgeadachadh seach sgoil ùr a thogail.
Chaidh an co-dhùnadh sin a chur dheth.