91Èȱ¬

Tiotal Bhreatainn an 200m breaststroke aig Kara Hanlon

Kara HanlonTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Tha Tiotal Bhreatainn aig Kara Hanlon thar 200m breaststroke.

Chrìochnich i ann an 2:24.59, an ùine bu luaithe aig Kara riamh thar 200m, ach beagan taobh a-muigh an 2:23.04 a bha a dhìth airson àite aig Oilimpigs Pharis.

Bidh cothrom eile aig Kara air na farpaisean sin a ruighinn anns na rèisean 100m Didòmhnaich.

"Bha i fhèin gu math toilichte, dìreach rud beag tàmailteach nach d' fhuair i an uair às dèidh dhi a dhol cho luath an-raoir," thuirt màthair Kara, Marilyn Hanlon, 's i a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.

"Ach feumaidh sinn a bhith toilichte gun d' fhuair i am bonn òir.

"Bha i gu math misneachail a' dol dhan rèis, agus bha i a' coimhead air adhart ris.

"Bha i rudeigin iomagaineach tha mi a' smaoineachadh an-raoir, ach cha do rinn sin càil anns an rèis.

"Tha i a' coimhead air adhart ri Là na Sàbaid agus ris a' 100m, 's tha mi an dòchas gun dèan i an uair an uair sin," thuirt i.

Tha Kara nas fhaisge air an uair air a bheil i ag amas ann an rèis a' 100m, 's tha sin na adhbhar misneachd dhi.

"Tha i gu math faisg air sin," thuirt Marilyn.

"Ma thèid a h-uile càil ceart, tha mi an dòchas, tha i fhèin fhathast misneachail mu dheidhinn sin às dèidh a bhith a' bruidhinn rithe an-raoir, tha i a' coimhead air adhart ri sin.

"Tha sinn an dòchas gun dèan i e," thuirt i.

Fo-thiotal a’ bhidio,