Earra-Ghà idheal is Bòd ag iarraidh gealltanas air maoineachadh a bharrachd
- Air fhoillseachadh
Sgrìobh Ceannard Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh taic ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun ruig maoineachadh a bharrachd airson chomhairlean an sgìre, a thuilleadh air sgìrean eile.
Leig Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Shona Robison, fhaicinn gun sgaoil Riaghaltas na h-Alba £45m de mhaoineachadh Barnett am measg ùghdarrasan ionadail ma thig e a dh'Alba mar phà irt den bhuidseat Diciadain.
Ma thig, gheibheadh Earra-Ghà idheal is Bòd mu £800,000 dheth.
Thuirt Ms Robison ge-tà , nach fhaigheadh comhairlean an t-airgead sin mura reòthadh iad a' chìs-chomhairle, a rèir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba.
B' e Earra-Ghà idheal is Bòd a' chiad ùghdarras ionadail an Alba a dhiùlt gabhail ris a' phoileasaidh sin, 's iad air bhòtadh à rdachadh 10% a chur ris a' chìs-chomhairle san sgìre aca.
An dèidh sin, dh'aontaich Comhairle Inbhir Chluaidh a' chìs-chomhairle à rdachadh 8.2%.
Chuir Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatann an Iar a' chìs an-à irde 5%.
Sgrìobh an Comh Robin Currie gu Mìcheal Gove BP, Rùnaire na Stà ite airson Cothromachadh Suas, Taigheadais agus Choimhearsnachdan, a tha cuideachd na Mhinistear airson Chà irdeasan Eadar-Riaghaltasail, ag iarraidh a thaic ach am faigh a h-uile comhairle an t-airgead ma thig e.
Tha an dà chomhairle eile a dh'à rdaich a' chìs ag iarraidh taic air Mgr Gove cuideachd.
Bha beà rn £40m ann am buidseat Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid nuair a stèidhich iad am buidseat.
Seirbheisean
Thuirt a' Chomhairle gun robh iad air co-dhùnadh a' chìs à rdachadh airson seirbheisean ionadail is cosnaidhean a ghlèidheadh.
"Tha coimhearsnachdan feumach air seirbheisean comhairle airson beatha mhath a bhith aca. Tha seirbheisean comhairle feumach air maoineachadh," thuirt an Comh Currie.
"B' e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bh' ann a bhith ag à rdachadh na cìse-comhairle, ach cha robh dol às againn.
"Bha aonta maoineachaidh Riaghaltas na h-Alba, a' toirt a-steach a bhith a' reòthadh na cìse-comhairle, air gearraidhean ann an seirbheisean adhbharachadh.
"Bha a bhith ag ìsleachadh cà ileachd beatha mhuinntir Earra-Ghà idheal is Bhòid le bhith a' gearradh sheirbheisean riatanach air buaidh a thoirt chan ann a-mhà in air beatha là itheil dhaoine, ach bha e air droch bhuaidh a thoirt cuideachd air oidhirpean an sluagh is an eaconomaidh againn fhà s.
"Ma thig cothrom air maoineachadh a bharrachd, air a bheil cruaidh-fheum, tha còir aig muinntir Earra-Ghà idheal is Bhòid an cuid den mhaoineachadh sin fhaotainn, agus tha sinn a' sireadh taic Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith ga fhaotainn," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Gearran