Thèid geamannan dearbhaidh pioramaid air adhart
Thèid geamannan dearbhaidh air adhart eadar Brora Rangers agus Kelty Hearts gus àite fhaighinn anns an SPFL.
Cluichidh an sgioba a bhuannaicheas an sgioba a th' aig bonn Lìog a Dhà airson àite anns an lìog sin.
Bhuannaich Brùra Lìog na Gàidhealtachd às dèidh dhaibh dìreach trì geamannan a chluich.
B' e 13 a chluich Kelty Hearts nuair a bhuannaich iad Lìog na Galltachd.
Dh'iarr an SPFL agus Comann Ball-coise na h-Alba comhairle laghail a thaobh an robh còir aca na lìogichean aca a bhuannachadh.
Dhearbh iad gun deach cumail ri riaghailtean agus gu bheil an dà chluba freagarrach airson an SPFL.
Bidh a' chiad ghèam ann am Brùra. Chan eil fhios fhathast cuin a thèid na geamannan a chluich.
Tha Brechin City an-dràsta aig bonn Lìog a Dhà, is iad ochd puingean air dheireadh air an sgioba a tha os an cionn.