Thèid geamannan dearbhaidh pioramaid air adhart
- Air fhoillseachadh
Thèid geamannan dearbhaidh air adhart eadar Brora Rangers agus Kelty Hearts gus à ite fhaighinn anns an SPFL.
Cluichidh an sgioba a bhuannaicheas an sgioba a th' aig bonn Lìg a Dhà airson à ite anns an lìg sin.
Bhuannaich Brùra Lìg na Gà idhealtachd às dèidh dhaibh dìreach trì geamannan a chluich.
B' e 13 a chluich Kelty Hearts nuair a bhuannaich iad Lìg na Galltachd.
Dh'iarr an SPFL agus Comann Ball-coise na h-Alba comhairle laghail a thaobh an robh còir aca na lìgichean aca a bhuannachadh.
Dhearbh iad gun deach cumail ri riaghailtean agus gu bheil an dà chluba freagarrach airson an SPFL.
Bidh a' chiad ghèam ann am Brùra. Chan eil fhios fhathast cuine a thèid na geamannan a chluich.
Tha Brechin City an-drà sta aig bonn Lìg a Dhà , is iad ochd puingean air dheireadh air an sgioba a tha os an cionn.