Alba soirbheachail an Iomain Cholmcille
Bha deireadh-seachdain fìor shoirbheachail aig sgiobaidhean na h-Alba ann am farpais Iomain Cholmcille.
Chaidh an fharpais air adhart Disathairne ann am Beul Feirste 'son a' chiad uair.
Rinn boireannaich na h-Alba an gnothach air Èirinn 9-4 sa chiad gheama agus 6-5 nuair a chluich iad a-rithist.
Rinn na fir a' chùis anns na trì geamaichean a chluich iadsan an aghaidh Fir Uladh, Na Gaeil Òga agus Micheál Breathnach.
Le Alba a' tilleadh dhachaigh le Còrn Sgàthaich agus Còrn Cholmcille, thuirt Eòghan Stiùbhart bho Iomain Cholmcille gur e tachartas air leth soirbheachail a bh' ann air agus far na pàirce.
"Bhuannaich sinn na còig geamaichean, ach cuideachd fìor dheagh chothrom a bhith a' coinneachadh ri ar caraidean Èireannach.
"Bha muinntir Chomann na Gàidhlig còmhla rinn agus chunnaic iad cho soirbheachail 's a tha spòrs mar dhòigh airson Gàidhlig a brosnachadh. Bha e math dha-rìribh", thuirt e.