91Èȱ¬

Alba soirbheachail an Iomain Cholmcille

Alba is ÈirinnTùs an deilbh, Iomain Cholmcille
  • Air fhoillseachadh

Bha deireadh-seachdain fìor shoirbheachail aig sgiobaidhean na h-Alba ann am farpais Iomain Cholmcille.

Chaidh an fharpais air adhart Disathairne ann am Beul Feirste 'son a' chiad uair.

Tùs an deilbh, Iomain Cholmcille

Rinn boireannaich na h-Alba an gnothach air Èirinn 9-4 sa chiad gheama agus 6-5 nuair a chluich iad a-rithist.

Rinn na fir a' chùis anns na trì geamaichean a chluich iadsan an aghaidh Fir Uladh, Na Gaeil Òga agus Micheál Breathnach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Eòghan Stiùbhart bho Iomain Cholmcille

Le Alba a' tilleadh dhachaigh le Còrn Sgàthaich agus Còrn Cholmcille, thuirt Eòghan Stiùbhart bho Iomain Cholmcille gur e tachartas air leth soirbheachail a bh' ann air agus far na pàirce.

"Bhuannaich sinn na còig geamaichean, ach cuideachd fìor dheagh chothrom a bhith a' coinneachadh ri ar caraidean Èireannach.

"Bha muinntir Chomann na Gàidhlig còmhla rinn agus chunnaic iad cho soirbheachail 's a tha spòrs mar dhòigh airson Gàidhlig a brosnachadh. Bha e math dha-rìribh", thuirt e.