Main content

Iomain air ais, gu ìre.

Ann an dòigh bha e mar gum biodh nach robh e a-riamh air falbh.

Feasgar Disathairne àlainn is brag nan caman ri chluintinn bho Bhaile Mac Ara gu Obar Dobhair.

Cha robh ach dà mhionaid den t-seusan ùr air an cluich nuair a chuir fear Borthwick tadhal do Cheann a' Ghiùthsaich.

Cha do chluich iad cho math sin ach fhuair Baile Ùr an t-Slèibh dòigh air buannachadh.

Bha Garry Mac a' Phearsain am measg nan tadhal ann an Inbhir Aora is Raymond Robertson air an targaid do Ghleann Garadh.

Chualas feadhainn a' gearain mu rèiteirean.

Seadh, coltach ri Disathairne sam bith eile.

Agus às dèidh nam mìosan mòra gun iomain idir, 's e a bha math.

Ach cha robh againn ri coimhead ro fhada 'son buaidh leantainneach Chovid-19 fhaicinn.

Dh'fhàg an sgaoileadh den bhìoras timcheall air a' Ghearasdan toll mòr Abraich ann an clàr nan geamaichean.

Bha rudeigin bunaiteach a dhìth anns na geamaichean a chaidh air adhart cuideachd: càite an robh an luchd-taic?

Feumaidh Comann na Camanachd na riaghailtean a th' ann a leantainn ach bha e follaiseach gur e briseadh-dùil mòr a bha seo do gu leòr air a' Ghàidhealtachd.

Bha daoine 's dòcha a' coimhead air an snùcair aig a' Chrucible bho chionn ghoirid is sluagh mòr an làthair, a-staigh, 'son coimhead air a' chuairt dheireannaich.

'S dòcha gun robh iad fhèin air a bhith aig an taigh-dhealbh bho chaidh cuid de na bacaidhean a thogail. Chì iad a-nise na mìltean an làthair aig Farpais Mhòr Euro 2020.

Tha e nàdarra gu leòr gu bheil iad an uair sin a' faighneachd carson nach urrainn dhaibh seasamh ri taobh pàirce ann am Port Rìgh, Canaich no Taigh na Bruaich.

Tha na riaghailtean diofraichte do phàircean poblach is goireasan gun feansaichean timcheall orra is tha deagh adhbhar air sin, ach bithear an dòchas nach fhada gus an tig an t-adhartas agus na ceadan a leigeas le luchd-leantainn iomain a bhith an làthair às ùr is a' cur làn thaic ris na sgiobaidhean aca.

Cha b' e sin e a-mhàin ge-tà. Càite an robh na boireannaich?

Chan eil mòran sgeulachdan cho cudromach is taitneach ann an iomain anns na bliadhnaichean mu dheireadh ri mar a tha fàs agus leasachadh air tighinn air spòrs nam ban.

Bha e na bhriseadh-dùil mar sin gun do thill na fir dhan phàirc is na boireannaich fhathast nan tàmh.

Tha Comann Camanachd nam Ban ag obair air gnothaichean agus dòchas ann gun till iad gu farpais ro dheireadh na mìos.

Bidh fàilte mhòr, bhlàth orra.

Agus nas fhaisge air an taigh air a' chosta an iar bha beàrn mhòr eile againn.

'Son a' chiad turas bho thàinig iad a-steach dhan lìog an toiseach ann an 2011, cha robh ainm Camanachd Leòdhais am measg nan sgiobaidhean a bha a' farpais is mì-chinnt mu àite air an aiseag a' fàgail gun robh aca ri tarraing a-mach.

Ged a chaill iad barrachd gheamaichean na bhuannaich iad san deich bliadhna mu dheireadh, tha na Leòdhasaich air cliù a chosnadh dhaibh fhèin: cluichidh iad a h-uile geama. Chuir iad romhpa fhèin sin a dhèanamh bho thùs gus dearbhadh gun robh iad airidh air àite san lìog.

Ged a tha clubaichean le barrachd chluicheadairean is ghoireasan - is gun cho fada aca idir ri siubhail - air geamaichean a leigeil às ro thric, faodaidh tu a bhith cinnteach an còmhnaidh gum bi na Leòdhasaich an làthair gach Disathairne.

Bha cuid san eilean a' crathadh an cinn bho chionn beagan sheachdainean nuair a nochd clubaichean air tìr-mòr dragh mu na duilgheadasan a bhiodh aca geamaichean a chluich le astarachadh-sòisealta air busaichean is riaghailtean a thaobh càraichean a chleachdadh.

Bha na Leòdhasaich air dèiligeadh ris na ceistean sin bho chionn fhada le bus mòr a chur air dòigh, barrachd taic-airgid a chruinneachadh, is aonta aca cuideachd gach geama a chluich air tìr-mòr.

B' e tàmailt mhòr a bh' ann às dèidh sin air fad gun do chuir cho trang 's a tha na h-aiseagan agus riaghailtean astarachadh-sòisealta maill orra co-dhiù aig a' mhionaid mu dheireadh.

Cha b' e CalMac a bu choireach, ach 's dòcha gur e cothrom caillte a bha seo dha na h-ùghdarrasan san fharsaingeachd fuasgladh a lorg a bhiodh air taic na coimhearsnachd fhaighinn aig àm nuair a tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann mu sheirbheisean aiseig.

Leis na Leòdhasaich fhathast an dòchas gum bi e comasach dhaibh cuid de gheamaichean a chluich ro dheireadh an t-seusain, tha cothrom ann fhathast fuasgladh a chur air dòigh.

'Senior Shinty Swings Again' ars' Comann na Camanachd an t-seachdain seo is iad air an dòigh gun robh, mu dheireadh thall, iomain fharpaiseach air ais. Bha sinn uile air a bhith a' feitheamh cho fada ceart gu leòr.

Ach ann an da-rìribh, 's dòcha gun robh seo na bu choltaiche ri leth swing.

Ceum air leth cudromach is deatamach air an rathad air ais ceart gu leòr, ach pìos beag ri dhol fhathast gus an tèid ceann-uidhe a ruighinn.

/naidheachdan/57425800