Iomain air ais, gu ìre.
- Air fhoillseachadh
Ann an doigh bha e mar gum biodh nach robh e a-riamh air falbh.
Feasgar Disathairne à lainn is brag nan caman ri chluintinn bho Bhaile Mac Ara gu Obar Dobhair.
Cha robh ach dà mhionaid den t-seusan ùr air an cluich nuair a chuir fear Borthwick tadhal do Cheann a' Ghiùthsaich.
Cha do chluich iad cho math sin ach fhuair Baile Ùr an t-Slèibh dòigh air buannachadh.
Bha Garry Mac a' Phearsain am measg nan tadhal ann an Inbhir Aora is Raymond Robertson air an targaid do Ghleann Garadh.
Chualas feadhainn a' gearain mu rèiteirean.
Seadh, coltach ri Disathairne sam bith eile.
Agus às dèidh nam mìosan mòra gun iomain idir, 's e a bha math.
Ach cha robh againn ri coimhead ro fhada 'son buaidh leantainneach Chovid-19 fhaicinn.
Dh'fhà g an sgaoileadh den bhìoras timcheall air a' Ghearasdan toll mòr Abraich ann an clà r nan geamaichean.
Bha rudeigin bunaiteach a dhìth anns na geamaichean a chaidh air adhart cuideachd: cà ite an robh an luchd-taic?
Feumaidh Comann na Camanachd na riaghailtean a th' ann a leantainn ach bha e follaiseach gur e briseadh-dùil mòr a bha seo do gu leòr air a' Ghà idhealtachd.
Bha daoine 's dòcha a' coimhead air an snucair aig a' Chrucible bho chionn ghoirid is sluagh mòr an là thair, a-staigh, 'son coimhead air a' chuairt dheireannaich.
'S dòcha gun robh iad fhèin air a bhith aig an taigh-dhealbh bho chaidh cuid de na bacaidhean a thogail. Chì iad a-nise na mìltean an là thair aig Farpais Mhòr Euro 2020.
Tha e nà darra gu leòr gu bheil iad an uairsin a' faighneachd carson nach urrainn dhaibh seasamh ri taobh pà irce ann am Port Rìgh, Canaich no Taigh na Bruaich.
Tha na riaghailtean diofraichte do phà ircean poblach is goireasan gun feansaichean timcheall orra is tha deagh adhbhar air sin, ach bithear an dòchas nach fhada gus an tig an t-adhartas agus na ceadan a leigeas le luchd-leantainn iomain a bhith an là thair às ùr is a' cur là n thaic ris na sgiobaidhean aca.
Cha b' e sin e a-mhà in ge-tà . Cà ite an robh na boireannaich?
Chan eil mòran sgeulachdan cho cudromach is taitneach ann an iomain anns na bliadhnaichean mu dheireadh ri mar a tha fàs agus leasachadh air tighinn air spòrs nam ban.
Bha e na bhriseadh-dùil mar sin gun do thill na fir dhan phà irc is na boireannaich fhathast nan tà mh.
Tha Comann Camanachd nam Ban ag obair air gnothaichean agus dòchas ann gun till iad gu farpais ro dheireadh na mìos.
Bidh fà ilte mhòr, bhlà th orra.
Agus nas fhaisge air an taigh air a' chosta an iar bha beà rn mhòr eile againn.
'Son a' chiad turas bho thà inig iad a-steach dhan lìog an toiseach ann an 2011, cha robh ainm Camanachd Leòdhais am measg nan sgiobaidhean a bha a' farpais is mì-chinnt mu à ite air an aiseag a' fà gail gun robh aca ri tarraing a-mach.
Ged a chaill iad barrachd gheamaichean na bhuannaich iad san deich bliadhna mu dheireadh, tha na Leòdhasaich air cliù a chosnadh dhaibh fhèin: cluichidh iad a h-uile geama. Chuir iad rompa fhèin sin a dhèanamh bho thùs gus dearbhadh gun robh iad airidh air à ite san lìog.
Ged a tha clubaichean le barrachd chluicheadairean is ghoireasan - is gun cho fada aca idir ri siubhail - air geamaichean a leigeil às ro thric, faodaidh tu a bhith cinnteach an còmhnaidh gum bi na Leòdhasaich an là thair gach Disathairne.
Bha cuid san eilean a' crathadh an cinn bho chionn beagan sheachdainean nuair a nochd clubaichean air Tìr-Mòr dragh mu na duilgheadasan a bhiodh aca geamaichean a chluich le astarachadh-sòisealta air busaichean is riaghailtean a thaobh cà raichean a chleachdadh.
Bha na Leòdhasaich air dèiligeadh ris na ceistean sin bho chionn fhada le bus mòr a chur air dòigh, barrachd taic-airgid a chruinneachadh, is aonta aca cuideachd gach geama a chluich air Tìr-Mòr.
B' e tà mailt mhòr a bh' ann às dèidh sin air fad gun do chuir cho trang 's a tha na h-aiseagan agus riaghailtean astarachadh-sòisealta maill orra co-dhiù aig a' mhionaid mu dheireadh.
Cha b' e CalMac a bu choireach, ach 's dòcha gur e cothrom caillte a bha seo dha na h-ùghdarrasan san fharsaingeachd fuasgladh a lorg a bhiodh air taic na coimhearsnachd fhaighinn aig à m nuair a tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann mu sheirbheisean aiseig.
Leis na Leòdhasaich fhathast an dòchas gum bi e comasach dhaibh cuid de gheamaichean a chluich ro dheireadh an t-seusain, tha cothrom ann fhathast fuasgladh a chur air dòigh.
'Senior Shinty Swings Again' ars Comann na Camanachd an t-seachdain seo is iad air an dòigh gun robh, mu dheireadh thall, iomain fharpaiseach air ais. Bha sinn uile air a bhith a' feitheamh cho fada ceart gu leòr.
Ach ann an da-rìribh, 's dòcha gun robh seo na bu choltaiche ri leth swing.
Ceum air leth cudromach is deatamach air an rathad air ais ceart gu leòr, ach pìos beag ri dhol fhathast gus an tèid ceann-uidhe a ruighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Ã’gmhios 2021