Main content

Dùil ris na goireasan àbhaisteach 'son Cupa MhicThàmhais

Chaidh High Life na Gàidhealtachd is Comann na Camanachd às àicheadh gu bheil ceist ann mu ghoireasan aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis air thoiseach air a' chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais aig deireadh na mìos.

Thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich no a' Ghearasdain sa chuairt dheireannaich air an 23mh den Dàmhair.

Bha aithrisean air nochdadh air eas-aonta mu mheasadh chunnartan aig an làraich, is am biodh cead mar sin na goireasan a chur gu feum.

Bha ceist ann am biodh na goireasan ullachaidh àbhaisteach ann dha na cluicheadairean, is gum biodh feum air taighean-beaga a thoirt a-steach 'son luchd-taic.

Ann am brath, thuirt High Life na Gàidhealtachd gum bi cead aig cluicheadairean na goireasan ullachaidh a chleachdadh.

Conaltradh

Thuirt iad gu bheil an urra ri buidhnean a tha a' cur thachartasan air dòigh measadh sàbhailteachd a dhèanamh.

Dh'innis iad gu bheil riaghailtean Chovid-19 a' fàgail gu bheil Comann na Camanachd air taighean-beaga a bharrachd a chur air dòigh, is gu bheil taighean-beaga a bharrachd a dhìth 'son tachartasan mòra aig a' Bhucht co-dhiù.

Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' conaltradh ri Comann na Camanachd is nach deach draghan a thogail.

Dh'innis neach-labhairt bho Chomann na Camanachd fhèin gu bheil a h-uile dùil acasan gum bi na goireasan àbhaisteach rim faighinn dha na cluicheadairean.

Thuirt iad nach e rud neo-àbhaisteach a th' ann dhaibh a bhith a' toirt taighean-beaga a bharrachd a-steach airson gheamaichean mòra.

/naidheachdan/58836508