Dùil ris na goireasan à bhaisteach 'son Cupa MhicThà mhais
- Air fhoillseachadh
Chaidh High Life na Gà idhealtachd is Comann na Camanachd às à icheadh gu bheil ceist ann mu ghoireasan aig Pà irc a' Bhucht ann an Inbhir Nis air thoiseach air a' chuairt dheireannaich de Chupa MhicThà mhais aig deireadh na mìos.
Thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich no a' Ghearasdain sa chuairt dheireannaich air an 23mh den Damhair.
Bha aithrisean air nochdadh air eas-aonta mu mheasadh chunnartan aig an là raich, is am biodh cead mar sin na goireasan a chur gu feum.
Bha ceist ann am biodh na goireasan ullachaidh à bhaisteach ann dha na cluicheadairean, is gum biodh feum air taighean-beaga a thoirt a-steach 'son luchd-taic.
Ann am brath, thuirt High Life na GÃ idhealtachd gum bi cead aig cluicheadairean na goireasan ullachaidh a chleachdadh.
Conaltradh
Thuirt iad gu bheil an urra ri buidhnean a tha a' cur thachartasan air dòigh measadh sà bhailteachd a dhèanamh.
Dh'innis iad gu bheil riaghailtean Chovid-19 a' fà gail gu bheil Comann na Camanachd air taighean-beaga a bharrachd a chur air dòigh, is gu bheil taighean-beaga a bharrachd a dhìth 'son tachartasan mòra aig a' Bhucht co-dhiù.
Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' conaltradh ri Comann na Camanachd is nach deach draghan a thogail.
Dh'innis neach-labhairt bho Chomann na Camanachd fhèin gu bheil a h-uile dùil acasan gum bi na goireasan à bhaisteach rim faighinn dha na cluicheadairean.
Thuirt iad nach e rud neo-à bhaisteach a th' ann dhaibh a bhith a' toirt taighean-beaga a bharrachd a-steach airson gheamaichean mòra.