Main content

Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Cheann Loch Seile a-nise an Cupa MhicAmhlaigh

Tha Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Cheann Loch Seile am measg nan geamaichean a bhios san ath-chuairt de Chupa MhicAmhlaigh is an dà sgioba air adhartas a dhèanamh air an deireadh-sheachdain.

Bheir an geama còmhla dà sgioba a tha air grèim an ìre mhath teann a chumail air Cupa MhicAmhlaigh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Bhuannaich Ceann Loch Seile gu cofhurtail an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich Disathairne 'son an dàrna turas air an t-seusan seo - an turas seo 4-0 ann am Port Rìgh.

Thàinig na tadhail uile sa chiad leth is trì dhiubh bho Chè MacRath.

Tha na Sgitheanaich air toiseach-tòiseachaidh air leth a dhèanamh am-bliadhna - ach a-mhàin an aghaidh nan nàbaidhean aca.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich fiù 's nas cruaidhe air Gleann Urchadain is iad a' buannachadh 8-1 ann an Druim na Drochaid.

Bha feasgar sònraichte eile aig Dylan Borthwick is e a' cur còig tadhail.

Cuideachd aig tuath chaidh Lòbhat air adhart 2-1 aig an Eilean an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

'S e tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Chalum MacAmhlaigh a rinn an gnothach dhaibh, às dèidh mar a chaidh Steafan Dòmhnallach aig a' Bhaile Ùr a chur far na pàirce.

Bidh Lòbhat a-nise an aghaidh Loch Abair is na h-Abraich a' buannachadh 4-2 an aghaidh Chabar Fèidh.

Deas

Aig deas bha Camanachd an Òbain air a dhol troimhe 4-0 an aghaidh Celtic an Òbain oidhche Haoine.

Tha teans gun robh Celtic riaraichte gu leòr le sin is iad air call 9-0 ris na nàbaidhean aca bho chionn cola-deug.

'S iad Caol Bhòid a bhios an aghaidh Camanachd ach bha geama doirbh acasan an aghaidh nan nàbaidhean aca fhèin Caol-Gleann.

Bha Caol-Ghleann air thoiseach 2-1 aig aon àm ann an Gleann Da-Ruail is iad a' creidsinn gun robh cothrom aca an ceòl a chur air feadh na fìdhle an aghaidh nam fuamhairean mòra bho shìos an rathad.

Air a' cheann thall ge-tà, 's iad Caol Bhòid a chaidh troimhe 4-2.

Air taobh eile Loch Fìne bha geama air leth eadar Inbhir Aora is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Chaidh sgioba Ghlaschu air thoiseach tràth tro Fhionnlagh MacMhaoilein ach thòisich loidhne-aghaidh òg Inbhir Aora air làmh an uachdair fhaighinn air muinntir a' bhaile mhòir.

Bha na bràithrean Watt ann an sunnd le Friseal is Campbell (2) gan cur 3-1 air thoiseach.

Air ais gun tàinig GMA is Calum Moireasdan is Garry Luke a' toirt a' gheama gu ùine a bharrachd, mus do chuir Craig MacAnndrais sgioba a' bhaile air thoiseach.

Le diogan air fhàgail fhuair Friseal Watt tadhal gus an geama a thoirt gu slaicean-peanais, ach 's iad GMA a rinn a' chùis air a' cheann thall 4-3.

Bidh iad a-nise an aghaidh Eilean Bhòid, a rinn an gnothach 4-0 air Obar Dothair.

Geamaichean eile

San Lìog Nàiseanta tha a' Mhanachainn fhathast nan smàl is iad air buannachadh 4-1 an aghaidh Cill Mhàilidh - às dèidh do Chill Mhàilidh sgòradh an toiseach.

Bha là nas fheàrr aig dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich na bha aig a' chiad sgioba is iad a' buannachadh an dearbaidh acasan, 3-1 an aghaidh Loch Carrainn.

Chaidh aig an dàrna sgioba aig Cabar Fèidh agus Camanachd Leòdhais mu dheireadh thall air a' gheama acasan ann an Cupa an t-Sutharlanaich a chluich is e air a chur dheth dà thuras ron seo.

'S e geama math a bh' ann cuideachd is Cabers a' dol air adhart 2-1.

'S e fear òg le dualchas làidir anns na Hearadh a chuir às dha na Leòdhasaich is Seumas MacEanraig leis an dà thadhal do sgioba Shrath Pheofhair.

Deagh là eile dha fhèin is Cabers, ged a bha na Leòdhasaich cuideachd an ìre mhath riaraichte le mar a chluich iad.

Am measg nan geamaichean san Lìog Nàiseanta ann an iomain ban Didòmhnaich, rinn Bàideanach an gnothach air Inbhir Nis 3-0, 's e 5-0 a bh' ann do Loch Abar an aghaidh Ghleann Urchadain, agus 7-3 do Cheann Loch Seile an aghaidh Dhùn Ad.

/naidheachdan/sgeulachdan/cm54k83e901o