Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Cheann Loch Seile a-nise an Cupa MhicAmhlaigh
- Air fhoillseachadh
Tha Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Cheann Loch Seile am measg nan geamaichean a bhios san ath-chuairt de Chupa MhicAmhlaigh is an dà sgioba air adhartas a dhèanamh air an deireadh-sheachdain.
Bheir an geama còmhla dà sgioba a tha air grèim an ìre mhath teann a chumail air Cupa MhicAmhlaigh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Bhuannaich Ceann Loch Seile gu cofhurtail an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich Disathairne 'son an dà rna turas air an t-seusan seo - an turas seo 4-0 ann am Port Rìgh.
Thà inig na tadhail uile sa chiad leth is trì dhiubh bho Chè MacRath.
Tha na Sgitheanaich air toiseach-tòiseachaidh air leth a dhèanamh am-bliadhna - ach a-mhà in an aghaidh nan nà baidhean aca.
Bha Ceann a' Ghiùthsaich fiù 's nas cruaidhe air Gleann Urchadain is iad a' buannachadh 8-1 ann an Druim na Drochaid.
Bha feasgar sònraichte eile aig Dylan Borthwick is e a' cur còig tadhail.
Cuideachd aig tuath chaidh Lòbhat air adhart 2-1 aig an Eilean an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.
'S e tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Chalum MacAmhlaigh a rinn an gnothach dhaibh, às dèidh mar a chaidh Steafan Dòmhnallach aig a' Bhaile Ùr a chur far na pà irce.
Bidh Lòbhat a-nise an aghaidh Loch Abair is na h-Abraich a' buannachadh 4-2 an aghaidh Chabar Fèidh.
Deas
Aig deas bha Camanachd an Ã’bain air a dhol troimhe 4-0 an aghaidh Celtic an Ã’bain oidhche Haoine.
Tha teans gun robh Celtic riaraichte gu leòr le sin is iad air call 9-0 ris na nà baidhean aca bho chionn cola-deug.
'S iad Caol Bhòid a bhios an aghaidh Camanachd ach bha geama doirbh acasan an aghaidh nan nà baidhean aca fhèin Caol-Gleann.
Bha Caol-Ghleann air thoiseach 2-1 aig aon à m ann an Gleann Da-Ruail is iad a' creidsinn gun robh cothrom aca an ceòl a chur air feadh na fìdhle an aghaidh nam fuamhairean mòra bho shìos an rathad.
Air a' cheann thall ge-tà , 's iad Caol Bhòid a chaidh troimhe 4-2.
Air taobh eile Loch Fìne bha geama air leth eadar Inbhir Aora is Glaschu Meadhan Earra-Ghà idheal.
Chaidh sgioba Ghlaschu air thoiseach trà th tro Fhionnlagh MacMhaoilein ach thòisich loidhne-aghaidh òg Inbhir Aora air là mh an uachdair fhaighinn air muinntir a' bhaile mhòir.
Bha na brà ithrean Watt ann an sunnd le Friseal is Campbell (2) gan cur 3-1 air thoiseach.
Air ais gun tà inig GMA is Calum Moireasdan is Garry Luke a' toirt a' gheama gu ùine a bharrachd, mus do chuir Craig MacAnndrais sgioba a' bhaile air thoiseach.
Le diogan air fhà gail fhuair Friseal Watt tadhal gus an geama a thoirt gu slaicean-peanais, ach 's iad GMA a rinn a' chùis air a' cheann thall 4-3.
Bidh iad a-nise an aghaidh Eilean Bhòid, a rinn an gnothach 4-0 air Obar Dothair.
Geamaichean eile
San Lìog Nà iseanta tha a' Mhanachainn fhathast nan smà l is iad air buannachadh 4-1 an aghaidh Cill Mhà ilidh - às dèidh do Chill Mhà ilidh sgòradh an toiseach.
Bha là nas fheà rr aig dà rna sgioba an Eilein Sgitheanaich na bha aig a' chiad sgioba is iad a' buannachadh an dearbaidh acasan, 3-1 an aghaidh Loch Carrainn.
Chaidh aig an dà rna sgioba aig Cabar Fèidh agus Camanachd Leòdhais mu dheireadh thall air a' gheama acasan ann an Cupa an t-Sutharlanaich a chluich is e air a chur dheth dà thuras ron seo.
'S e geama math a bh' ann cuideachd is Cabers a' dol air adhart 2-1.
'S e fear òg le dualchas là idir anns na Hearadh a chuir às dha na Leòdhasaich is Seumas MacEanraig leis an dà thadhal do sgioba Shrath Pheofhair.
Deagh là eile dha fhèin is Cabers, ged a bha na Leòdhasaich cuideachd an ìre mhath riaraichte le mar a chluich iad.
Am measg nan geamaichean san Lìog Nà iseanta ann an iomain ban Didòmhnaich, rinn Bà ideanach an gnothach air Inbhir Nis 3-0, 's e 5-0 a bh' ann do Loch Abar an aghaidh Ghleann Urchadain, agus 7-3 do Cheann Loch Seile an aghaidh Dhùn Ad.