Main content

Sasainn an aghaidh na h-Eadailt

Na trì leòmhainn agus an Azzurri.

Southgate agus Mancini.

Sterling agus Chiellini.

Ge brìth ciamar a dhèanar comas eadar sgiobaidhean Shasainn agus an Eadailt, tha cuairt deireannach gu math tarraingeach gu bhi aig EURO 2020 nuair a thachras na sgiobaidhean aig Wembley air Didòmhnaich.

Seo dà dhùthaich a tha air a bhith a' faireachdain ìosal mun gheama nàiseanta aca thar nam bliadhnaichean a chaidh seachad.

Do Shasainn, tha iomairt às dèidh iomairt air crìochnachadh nas tràithe na bhiodh luchd-leantainn an sgioba ag iarraidh.

Cha do rinn an Eadailt an gnothach air faighinn gu Cupa na Cruinne ann an 2018 fo stiùir Giampiero Ventura - cùis nàire do dhùthaich a tha a' toirt prìomhachas cho mòr do 'Calcio'.

Ach tha dithis mhanaidsearan air togail a thoirt dha na dùthchannan aca thar nan beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Bhon a thòisich e na dhreuchd mar mhanaidsear Shasainn, tha Gareth Southgate air a bhi air a bheannachadh le beairteas de thàlant a tha air tighinn troimhe mun aon àm.

Ach tha Southgate air a chluicheadairean a dhìon bhon chàineadh a tha air druim iomadh sgioba Shasannach a bhriseadh roimhe.

Tha e cuideachd air cumail ri phlana fhèin tron cho-fharpais seo, a dh'aindeoin iomadh ceist agus beachd bho luchd-taic agus na meadhanan. Gun teagamh sam bith, tha planaichean Southgate air obrachadh agus air an sgioba a thoirt cho fada.

Ann an laoidh nàiseanta na h-Eadailt, thathar a seinn na faclan a leanas:

"Fratelli d'Italia,

l'Italia s'è desta,

dell'elmo di Scipio

s'è cinta la testa."

De tha sin ach:

"Bràithrean na h-Eadailt,

Tha an Eadailt air dùsgadh,

'S i a chuir clogaid Scipio,

air a ceann."

Cò bh' ann an Scipio, ach gaisgeach de sheanailear Ròmanach a chleachd eanchainn airson buannachadh an aghaidh arm Hannibal.

Mar a rinn Scipio bho chionn còrr agus dà mhìle bliadhna, bidh aig Roberto Mancini ri fuasgladh tactaigeach a' lorg airson buannachadh an aghaidh na mìltean aig Wembley.

Seo fear aig a bheil an comas sin a dhèanamh ge-tà. Tha na h-Eadailtaich a-nis 33 geama as aonais call agus sgioba aca a tha làn lùths, tàlant agus spiorad.

Tha neartan sgioba Shasainn ri am faicinn air feadh na pàirce.

Seo sgioba nach eil ach air aon thadhal a' leigeil seachad anns a' cho-fharpais air fad. Tha Jordan Pickford eadar na puist agus an leithid Harry Maguire anns an loidhne dìon air tighinn dha na Euros ann an deagh shunnd agus iad air amas, agus an gnothach a dhèanamh air, ball sam bith anns a' bhogsa fhaighinn ron sgioba eile.

Nas fhaide air adhart anns an sgioba, tha roghainnean gu leòr aig Southgate. Tha Mason Mount air barrachd mhionaidean a chluich na Jack Grealish aig a cho-fharpais a tha seo, ach sin an seòrsa roghainn a tha aig Southgate. Sin gun togail air Phil Foden aig Manchester City - cluicheadair a tha gu cinnteach gu bhith air aire dhaoine airson iomadh bliadhna a tha ri thighinn.

A dh'aindeoin ceistean mu shlàinte, tha Raheem Sterling air cluich gu math anns a' cho-fharpais agus e a' dèanamh cùisean gu math doirbh do sgiobaidhean eile. Bha e fortanach dha-rìribh gun do bhuannaich e breab-peanais an aghaidh na Danmhairc, ach tha e air a shlighe a dhèanamh dhan bhogsa turas às dèidh turas aig a' cho-fharpais a tha seo.

Chan e dìreach an dol a-mach aig cuid anns na meadhanan a tha seo idir. Tha sàr sgioba aig Sasainn agus tha cothrom aca na Euros a bhuannachadh airson a' chiad uair riamh.

Ach chan eil geama furasta gu bhith aig Sasainn. Tha an Eadailt a' coimhead nas fheàrr na tha iad air a bhith ann am bliadhnaichean. The deagh mheasgachadh de chluicheadairean eòlach agus òg aig Roberto Mancini.

Cha bhiodh e furasta brògan - neo miotagan - Gianluigi Buffon a' lionadh eadar na puist, ach tha am fuamhaire Gianluigi Donnarumma ga dhèanamh.

Mu choinneamh, tha an dithis eòlach aig Juventus Leondaro Bonucci agus Giorgio Chiellini. 'S e balla a tha sin a tha comasach air seasamh ri stoirm sam bith.

Ann am meadhan na pàirce tha leithid Marco Verratti agus Jorginho a' toirt a chuimhne air Andrea Pirlo agus Daniele De Rossi a thàinig roimhe.

Agus aig aghaidh an sgioba tha Lorenzo Insigne agus Ciro Immobile gu math cunnartach. Bidh aig an leithid Jordan Pickford agus Harry Maguire a bhith gu math faiceallach agus an dithis seo mun bhogsa.

Air an lèanag, 's e farpais air leth a tha air a bhith ann an EURO 2020 le sàr bhall-coise air a chluich ann an iomadh dùthaich. A-nis, bidh Wembley na Cholosseum airson aon gheama eile. A' sabaid airson an tiotal bidh ridirean Shasainn agus gladiators na h-Eadailt. Tha batal ainmeil eile ri thighinn.

/naidheachdan/57789980