Main content

"Feumaidh sinn togail air seo" - Cowie

Thuirt leas-mhanaidsear Ross County gu bheil an sgioba làn misneachd an-dràsta is gu bheil iad airson togail air mar a rinn iad an gnothach air St Johnstone 3-1.

Chaidh na Saints air thoiseach ann an Inbhir Pheotharain tro Chalum Hendry ach fhreagair County le dà thadhal bho Regan Charles-Cook is Joseph Hungbo cuideachd air an targaid.

Tha County fhathast san 10mh àite san lìog ach tha iad a-nise seachd puingean os cionn St Johnstone agus naoi air thoiseach air Dùn Dè aig a' bhonn.

Gu dearbh, chan eil na Staggies a-nise ach ceithir puingean air dheireadh air àite sa phrìomh shia den lìog.

Rinn manaidsear St Johnstone, Calum Davidson, càineadh air an sgioba aigesan is e ag ràdh gun robh iad "fada bhon ìre a dh'fheumas sinn 'son fuireach san lìog".

Cha robh aig leas-mhanaidsear Chounty, Don Cowie, ach moladh.

"Sin a-nise dìreach aona gheama a-mach à naoi aig an taigh a tha sinn air call is tha sin a' sealltainn gu bheil sinn làn misneachd. Feumaidh sinn togail air seo a-nise gu deireadh an t-seusain", thuirt Cowie.

"Tha sinn a' feuchainn ri bhith adhartach aig an taigh gu h-àraidh is tha cluicheadairean againn a gheibh an luchd-taic air an casan. Tha e a' còrdadh ris a h-uile duine", thuirt e.

Bidh County a-nise air an rathad is iad a' cluich Tobar na Màthar oidhche Chiadain.

Bidh Caley Thistle Inbhir Nis cuideachd a' siubhal an t-seachdain seo is iadsan gus a dhol an aghaidh Phartaig ann an Glaschu oidhche Haoine.

Tha ICT fhathast san treas àite san Championship, ged a tha iad a-nise deich geamaichean gun buannachadh.

/naidheachdan/60553020