Main content

Bucaidh ag amas air an SPFL

Tha Buckie Thistle ag ràdh gu bheil iad ag amas air àite san SPFL às dèidh dhaibh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh.

Thog na Jags an tiotal 'son a' chiad turas bho 2017 nuair a rinn iad an gnothach air Baile Chè 1-0.

Ged a chrìochnaich iad co-ionnan aig a' mhullach le Brechin, rinn Bucaidh an gnothach air diofar nan tadhal.

Feumaidh iad a-nise cluich an aghaidh Chille Bhrìghde an Ear - a bhuannaich Lìog na Galldachd - thairis air dà gheama.

Bidh an sgioba a nì a' chùis an uairsin an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas aig bonn Lìog 2 ann an Lìog na h-Alba.

Ged a tha cuid uaireannan air ceist a thogail a bheil sgiobaidhean bho Lìog na Gàidhealtachd dha-rìribh ag iarraidh àite san t-siostam nàiseanta, tha manaidsear Bhucaidh ag ràdh gur e sin an t-amas aca.

"Cha bhi e furasta agus tha tòrr ullachaidh ri dhèanamh", thuirt am manaidsear aca, Graeme Stiùbhart.

"'S e geama cianail mòr a th' ann dhan chluba. 'S e Cove Rangers a-mhàin a chaidh tro na play-offs bho Lìog na Gàidhealtachd gu Lìog na h-Alba is ma nì thu sin, tha thu a' dèanamh eachdraidh.

"Bu chòir dhuinn a bhith ag amas air sin".

Bidh a' chiad gheama ann an Cille Bhrìghde an Ear Disathairne seo tighinn is an dàrna geama ann am Bucaidh fhèin seachdain às dèidh sin.

/naidheachdan/sgeulachdan/cl5kvq3k4lko