Main content

Fear-snàmh à Inbhir Nis a' farpais aig an deireadh-sheachdain

Tha Farpais Snàmh Down Syndrome Bhreatainn a' dol aig an deireadh-sheachdain.

Tha an fharpais a' tàladh cha mhòr ceud gu leth farpaiseach o air feadh na dùthcha.

Bidh Matthew McCreadie, fear òg à Inbhir Nis, aig an fharpais, agus e dìreach air tilleadh bho na farpaisean Eòrpach mar phàirt de Sgioba Bhreatainn.

Choinnich Stephen MacLeòid ri Matthew aig an amar-snàmh.

/naidheachdan/fbh/67457985