Cupa air a roinn eadar ICT is Raith Rovers
Chaidh ainmeachadh gun tèid Cupa Dùbhlain na h-Alba airson an t-seusain a dh'fhalbh a roinn eadar Caley Thistle Inbhir Nis agus Raith Rovers.
Thuirt Àrd Stiùiriche an SPFL, Niall Doncaster, gun deach dàil a chur air a' cho-dhùnadh is dòchas ann gun deigheadh an geama a chluich air beulaibh luchd-leantainn.
Covid
Chuir Covid stad air an sin ge-tà agus bha am pandemic cuideachd a' ciallachadh nach deach farpais an t-seusain seo air adhart idir.
Chuir an dà sgioba bhon Championship fàilte air an naidheachd.
Seo an treas turas a tha sgioba Inbhir Nis air an fharpais a bhuannachadh.
Cothromach
Thuirt Àrd Stiùiriche ICT, Scot Gardiner, gun robh an co-dhùnadh cothromach, gu h-àraid seach gu bheil an dà sguad cho eadar-dhealaichte a-nis.
Thuirt Cathraiche Raith Rovers, John Sim, gun robh an t-àm airson an geama a chluich air a dhol seachad.
Bhuannaich Raith Rovers an cupa roimhe ann an 2014.
Tha an SPFL an dòchas gun tèid an fharpais air adhart air an ath-sheusan - 's e an SPFL Trust Trophy a bhios air.
Gheibh an cupa taic bho dhaoine a tha an sàs ann an carthannas, mar Sheumas MacAnndrais.