Abrach Leòdhais le a shùil air barrachd dhuaisean
Bha an sluagh mòr an Siabost nan glòir. Air feadh na dùthcha bha luchd-leantainn iomain a' toirt dàrna sealladh air na fònaichean aca is na sgòraichean a' tighinn a-steach.
Camanachd Leòdhais 5 Loch Carrann 0.
Tha e air còrdadh ri cuid nuair a tha iad a-mach air aiseirigh camanachd an Leòdhas a bhith a' togail air briathran Mhàrtainn Dhòmhnallaich nach maireann bho chionn iomadh bliadhna: gun robh iomain san eilean aig aon àm coltach ri sneachda san Sahara.
A-nise air là brèagha samhraidh an Siabost bha an sgioba aig mullach na lìge air an sguabadh air falbh ann am maoim-sneachda Leòdhasaich.
Ach bha aon duine co-dhiù air oir na pàirce nach robh a' suathadh a shùilean. 'S fhada bho thuig Donnchadh Mac an t-Saoir gum b' urrainn dha cluicheadairean an eilein ceann a' mhaide a chumail ris a' chòrr. Agus 's ann aige a tha fios.
Rugadh Mac an t-Saoir chan ann an Eilean an Fhraoich ach Inbhir Gharadh is cha robh dad cho cinnteach ach gun togadh e caman. Creid e no nach creid, cha robh pàirc cheart aca san àite aig an àm is thog Donnchadh bunaitean na h-iomain ann an achadh tuathanaich ionadail.
Ged a bha an raon na bu choltaiche ri Tom na h-Iùbhraich na Pàirc a' Bhucht, 's ann bòidheach dha-rìribh a bha an t-ionnsachadh òg. Cha b' fhada mus robh Donnchadh a' nochdadh ann an sgiobaidhean òigridh Ghleann Garadh is air a' cheann thall a' coisinn cliù dha fhèin sa chiad sgioba.
Mar fhear a bha air a bhogadh mar sin san spòrs, dh'fhairich e diofar nuair a thòisich e a' cluich do Chamanachd Leòdhais an toiseach is e air gluasad dhan eilean.
"'S e dòigh beatha a th' ann ann an Gleann Garadh is Loch Abar. Tha fios aig a h-uile duine sa choimhearsnachd gu bheil thu a' cluich is tha iad an-còmhnaidh a' faighneachd dè tha dol san iomain. Thuig mi nuair a thàinig mi a Leòdhas gur e ball-coise an rud as motha an seo is nach robh mòran a' bruidhinn mu iomain. Bha e car neònach dhomh," tha e ag ràdh.
Bha e cuideachd uaireannan doirbh dha an toiseach a bhith na phàirt de sgioba a bha cho ùr is cho òg, is e ag ràdh gum biodh cluicheadair no dhà eile le barrachd eòlais air feum mòr a dhèanamh dhaibh.
Cha robh an roghainn sin ann is chùm na Leòdhasaich orra ag ionnsachadh mar a chaidh iad air adhart: ionnsachadh nach robh an-còmhnaidh buileach cho bòidheach is leasanan cruaidh air a' phàirc na bu thrice na bu mhiann leotha.
"B' e sin nàdar an rud. Bha fios againn gun robh e aig ìre thràth is cha robh dol às ann ach cumail a' dol is fàs a thoirt air," tha Donnchadh ag ràdh.
Chùm iad a' dol is thàinig fàs mean air mhean, le Mac an t-Saoir a' cur ris mar chluicheadair, sgiobair, leas-mhanaidsear, is an uairsin aig an stiùir e fhèin ann an 2016 is 2017.
Tha e ag aithneachadh a-nise nach e na cluicheadairean a-mhàin a bha ag ionnsachadh tro na bliadhnaichean sin.
"Tha mi a' smaointinn gun robh mi a' sùileachadh cus bho na balaich aig an àm sin. 'S dòcha nach robh iad deiseil airson na bha mi a' feuchainn ri dhèanamh. Mar chluicheadair tha thu an-còmhnaidh ag ionnsachadh is tha sin fìor a thaobh mhanaidsearan cuideachd."
'S e mar sin duine beagan nas sine is beagan nas glice a bh' ann nuair a thill na Leòdhasaich thuige aig deireadh 2022 is dreuchd a' mhanaidseir bàn. Canaidh cuid ann an spòrs nach bu chòir dhut tilleadh an dàrna turas ach cha robh ach aona cheist air Donnchadh.
"Bha mi airson a dhèanamh bhon fhìor-thoiseach. Bha mi 'son togail a thoirt dhan chluba agus a dhràibheadh air adhart ach bha mi cuideachd 'son a bhith cinnteach gun robh an sgioba gam iarraidh air ais, gum biodh na cluicheadairean is an cluba air fad air mo chùl."
'S iad a bha is ged a bha toiseach an t-seusain rudeigin measgaichte, tha Donnchadh ag ràdh gun robh e a' faicinn nach robh an sgioba fada bhuaithe. Cha robh ann ach rudan beaga a chur ceart, tha e ag ràdh, 'son diofar mòr a dhèanamh.
"Tha thu a' faighinn às an iomain na tha thu a' cur a-steach. Ma tha thu a' cluich fad 70 mionaid, nì am 20 mionaid eile sgrios. Feumaidh tu 90 mionaid aig àrd-ìre. Nuair a thuig iad sin bha sinn a' tòiseachadh gheamaichean gu làidir is cha robh sinn a' stad. Bha sinn a' buannachadh 5-0 is 6-0 an aghaidh sgiobaidhean a bhiodh a' dèanamh a' ghnothaich oirnne ron sin".
Dh'fhalbh na Leòdhasaich air sreath iongnantach is cluba a bha ro eòlach air droinneadh fhaighinn thar nam bliadhnaichean a-nise a' frasadh a-steach nan tadhal thall 's a-bhos.
"Bha sinn a' cur thadhal sa chiad mhionaid agus sa mhionaid mu dheireadh. Bha sgiobaidhean eile ag ràdh rinn "cha bhi sibhse a' stad". Chuala na balaich siud is thuig iad gun robh iad math. Chan eil dad coltach ri misneachd ann an spòrs."
Misneachd ann no às, tha Donnchadh ag aideachadh nach robh fiù 's e fhèin a' sùileachadh gun tigeadh cruth-atharrachadh cho aithghearr air suidheachadh na sgioba, ach tha e ag ràdh gun robh fios aige a-riamh mun tàlant san eilean.
"Bha fios 'am gun robh iad math ach feumaidh tu rudan eile 'son geamaichean a bhuannachadh, caractar is obair chruaidh. Cuideachd, cha robh cultar iomain an seo is bha mi mothachail gun robh iad uaireannan a' cur chlubaichean is chluicheadairean eile air spiris.
"Thuirt mi riutha gun robh iad cho math ri duine aca, nach robh anns an fheadhainn eile ach cluicheadair le caman na làimh mar a tha sinn fhìn.
"Ma chluicheas sinn an geama againn mar a bu chòir, tha e an urra ris an sgioba eile dèiligeadh rinne. Chan eil eagal oirnn ro sgioba sam bith a-nise. 'S e ceum mòr air adhart a tha sin."
Mar a tha fios, dhìol an toiseach-tòiseachaidh car slaodach air na Leòdhasaich air a' cheann thall is iad a' crìochnachadh aona phuing air cùl Loch Carrainn.
'S e comharra a th' ann air adhartas a' chluba gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann, a dh'aindeoin is gur e gun teagamh an seusan a b' fheàrr a bh' aca thuige seo.
Chan e gun do chrìochnaich iad gun dad idir ge-tà, is Donnchadh a' togail duais Coidse na Bliadhna sa Cheann a Tuath.
Adhartas Camanachd Leòdhais air aithneachadh le coimhearsnachd na h-iomain is oidhche shònraichte dha Donnchadh fhèin air ais ann an Loch Abar, is cothrom cuideachd coinneachadh ri John MacCoinnich à Baile Ùr an t-Slèibh, fear de na gaisgich aige fhèin is fuamhairean mòra h-iomain.
Tha Donnchadh airson dèanamh soilleir gu bheil e ga fhaicinn mar dhuais dhan chluba gu lèir: dhan leas-mhanaidsear Anndra MacAsgaill is na coidsichean eile, na cluicheadairean, is a h-uile neach eile a tha a' cumail Camanachd Leòdhais a' dol.
Thug an duais gu ceann seusan iongnantach is ceum eile air slighe nach robh an-còmhnaidh rèidh.
"Bha làithean dubhach againn tro na bliadhnaichean, làithean nuair a chaill sinn gu salach, ach tha mi a' smaointinn ann an iomadh dòigh gun robh e math dhuinn," tha Mac an t-Saoir ag ràdh.
"A-nise tha sinn far a bheil sinn is tha sinn 'son cumail oirnn a' dèanamh adhartais".
Agus tha sin a' ciallachadh gur e an lìog a bhuannachadh an targaid aig Donnchadh 'son 2024.
Cha bhi sin furasta is làn-fhios aig na sgiobaidhean eile nach e geama furasta a gheibh iad bho na Leòdhasaich tuilleadh. Tha dùbhlan mòr eile ann is an dàrna sgioba aig Ceann a' Ghiùthsaich san lìog am-bliadhna, le measgachadh de chluicheadairean òga tàlantach is feadhainn nas sine le gach bonn san spòrs air an dreasair a-staigh.
Dùbhlan ris a bheil na Leòdhasaich a' dèanamh fiughair, ged a tha Donnchadh a' faicinn gu bheil cuideam a bharrachd orra a-nise.
"Sheall sinn na b' urrainn dhuinn dèanamh an-uiridh is 's e rud ùr a th' ann do Leòdhas seusan a thòiseachadh am measg nan sgiobaidhean as làidire san lìog.
"Tha uallach an sin is feumaidh sinn a bhith mothachail air, ach tha sinn ag amas air an t-seusan a thòiseachadh gu luath is gu làidir is 'son togail air sin.
"Tha Ceann a' Ghiùthsaich aig an Dell againn tràth is 's e dùbhlan mòr a tha sin. Tha urram mòr againn dhaibh ach feumaidh sinn coimhead oirnn fhìn sa chiad dol a-mach is an geama againne a chluich.
"Tha mise a' coimhead ri piseach. Bha sinn san dàrna àite an-uiridh is ma tha sinn gus piseach a thoirt air sin feumaidh sinn an lìog a bhuannachadh. Sin an targaid. Tha mi misneachail ach feumaidh sinn nochdadh."
Às bith dè thachras air a' phàirc anns na mìosan ri tighinn, leanaidh Camanachd Leòdhais orra le obair bhunaitich gus fàs a thoirt air iomain san eilean. Tha Donnchadh a' togail air cho cudromach 's tha e gu bheil cluicheadairean òga a' tighinn troimhe gu cunbhalach. 'S e ceum mòr a bhiodh ann, tha e ag ràdh, iomain fhaighinn ann an sgoiltean an eilein is farpais eadar iad.
'S e adhbhar misneachd a th' ann cuideachd mar a bha barrachd is barrachd luchd-taic a' nochdadh aig geamaichean ann an Siabost an-uiridh. "Bha daoine againn nach robh riamh aig geama iomain roimhe is tha iad a-nise air am beò-ghlacadh," tha Donnchadh ag innse.
Comharra eile air fàs Camanachd Leòdhais is comharra eile, 's dòcha, gu bheil cultar iomain cleas mar a bh' aig Donnchadh na bhalach an Gleann Garadh dha-rìribh a' freumhachadh aig ìre na coimhearsnachd an Leòdhas.
'S e coimhearsnachd a th' ann a tha a-nise glè fhaisg air cridhe Dhonnchaidh. Bha fìor bhuille ann dha ann an 2007 às dèidh dha a dhachaigh a dhèanamh san eilean nuair a chaidh an taigh ùr aige air na Lochan a losgadh gu làr. Bha taic na coimhearsnachd aig an àm sin glè chudromach dha.
Às an sgrios uabhasach a bh' ann, cha robh air fhàgail aig Donnchadh ach poca a bha ann an taigh a mhàthar-chèile. Na bhroinn, paidhir shorts Camanachd Leòdhais.
"S e àm gu math doirbh a bh' ann is thug e buaidh mhòr air an teaghlach. Tha Camanachd Leòdhais air a bhith na pàirt cho mòr de mo bheatha is tha an cluba cho cudromach dhomh. Chuir mi na shorts sin orm a h-uile cothrom a bh' ann, fìu 's nuair a bha na balaich eile le feadhainn ùra gleansach. Cha robh iad a' coimhead ro mhath ach bha mi coma.
"Tha iad agam a-staigh fhathast is bidh mi a' bagairt nochdadh annta an-dràsta is a-rithist.
"Ma bhuannaicheas sinn an lìog, bidh na shorts orm."