Main content

Fàilte air na Scotchmen

Cha b' e fois an t-samhraidh a bha fainear do sgioba chliùteach ball-coise Albannach aig an àm seo bho chionn 100 bliadhna. Seach an casan a chur suas aig deireadh seusain fhada, bha Third Lanark gus falbh air bàrr nan tonn mar mhiseanaraidhean spòrs.

Chan e annas ro mhòr a bh' ann an turas sgioba Ghlaschu a dh'Argentina is Uruguay ann an 1923. Bha clubaichean Albannach eile san Roinn Eòrpa aig an dearbh àm is bha Third Lanark fhèin air a bhith anns na Stàitean Aonaichte is Canada ann an 1921.

Ach chan eil sin ri ràdh gun robh an turas gun chonnspaid. Goirid mus do dh'fhalbh Third Lanark, bha na pàipearan ag aithris gun robh tàire aca sguad fhaighinn. Air a' cheann thall, fhreagair aoighean bho chlubaichean eile gairm èiginn. "A bheil Third Lanark glic?" dh'fhaighnich am pàipear Sasannach an Athletic News.

Bha ceistean cruaidh nas fhaisge air an taigh cuideachd. Chualas beachd às dèidh AGM stoirmeil nach robh Third Lanark "strong enough either in playing strength or financial resource to undertake these missionary tours in far-off quarters of the globe". Le dragh gun cuireadh an turas an cluba ann an toll ionmhais, nochd rabhadh nach e "El Dorado" a bha a' feitheamh riutha idir san River Plate.

Ach cha robh e gu diofar oir bha Third Lanark mar-thà air sàl is iad air seòladh a-mach à Southampton. Romhpa bha turas mara a mhaireadh còrr is trì seachdainnean.

Fhad 's a bha ceistean a' leantainn ann an Alba, air taobh thall a' chuain bhathas ag ullachadh airson fàilte a chur air Thirds. Bha Albannaich air a bhith gu mòr an sàs ann an stèidheachadh a' bhuill-choise ann an Argentina bho thùs is bha tursan aig sgiobaidhean à Sasainn dhan duthaich air a bhith soirbheachail. Nuair a nochd Third Lanark ann an 1923 ge-tà, bha naoi bliadhna fada air a bhith ann bho bha sgioba à Breatainn air tadhal.

"Ann am ball-coise tha Argentina car faisg air Alba oir an fheadhainn a sgaoil ball-coise san 19mh linn, 's e Albannaich a bh' annta. Bha ollamh à Dùn Èideann, Alexander Watson Hutton, a thàinig a dh'Argentina ann an 1884 agus a leasaich an geama gu mòr", dh'innis Luis Marzoratti, a tha na eachdraiche is a tha a' ruith bloga Viejos Estadios mu bhall-coise Argentina.

"Thàinig grunn sgiobaidhean à Sasainn ach an uairsin bha beàrn mhòr ann air sgàth a' Chogaidh Mhòir is mar sin, bha ùidh fìor mhòr aig daoine ann an 1923. Chan e dìreach Third Lanark a bh' ann nas motha oir bha cluicheadairean aca bho sgiobaidhean eile. Bhathas a' coimhead riutha mar riochdairean ball-coise na h-Alba is 's na Scotchmen a bh' aig na meadhanan an seo orra".

'S gann gun robh na Scotchmen air cas a chur air tìr ann am Buenos Aires san Ògmhios 1923 is bha iad air a' phàirc - an ath-là - airson geama an aghaidh sgioba thaghte.

Is abair fàilte a fhuair iad. Bha na mìltean mòra an làthair aig stèideam ùr River Plate is na sgiobaidhean a' gabhail chun na pàirce air cùl pìobaire. Àrd os on cionn, bha soidhne mòr air an robh "WELCOME TO THE SCOTCHMEN".

'S e fàilte bhlàth is geama cruaidh a fhuair Third Lanark is iad a' call 1-0. 'S dòcha gun robh iad fhathast a' faighinn seachad air an turas mara.

Am measg aoighean Thirds bha Hughie Ferguson bho Thobar na Màthar, cluicheadair a bha, am beachd an Athletic News, "the most effective centre-forward in Great Britain". Chuir Ferguson a dhà is Third Lanark a' soirbheachadh 3-1 san dàrna geama an aghaidh sgioba thaghte eile. Bha seo nas fheàrr.

Bha deuchainnean mòra a' tighinn a-nise. Chaidh Thirds tarsainn na crìche airson geama an aghaidh Uruguay. 'S e Ferguson an gaisgeach a-rithist le tadhal Thirds ann an geama a chrìochnaich 1-1.

Air ais ann am Breatainn bhathas ag aithris gun robh an turas a' soirbheachadh: bha am ball-coise math is bhiodh e gu buannachd nan sgiobaidhean ionadail. Bha comainn Albannach air fàilte a chur air Thirds gach àite dhan deach iad.

Ach cha robh a h-uile duine cho cinnteach. 'S dòcha gun robh freumhan Albannach aig ball-coise Argentinianach ach gu follaiseach bha an geama is an cultar timcheall air car diofraichte san dà dhùthaich.

Bha casaidean bho na h-Albannaich nach robh iad cleachdte ri sluagh a thilg urchairean orra. Bha na h-Argentinianaich den bheachd gun robh cluich Third Lanark ro chruaidh. Nas miosa buileach, nach robh iad ro mhath. Dh'innis am Buenos Aires Herald nach do sheall na h-Albannaich dad den"professional excellence which we are in the habit of expecting from visiting British teams".

"Bha dùil aig daoine ri sgioba aig fìor àrd-ìre agus 's dòcha nach robh iad sàsaichte leis a' chiad gheama", tha Luis Marzoratti ag ràdh.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh ge-tà nach e turas furasta a bha seo ann an 1923. Bha iad aig muir fad trì seachdainnean is bha iad an uairsin a' cluich cha mhòr sa bhad. Bha am ball diofraichte is a' phàirc cruaidh.

"Mar a chaidh an turas air adhart, dh'fhàs iad na b' fheàrr. An toiseach bha na pàipearan ag ràdh nach robh iad ro làidir ach air a' cheann thall dh'atharraich sin is thuig iad gur e fìor dheagh sgioba a bha seo", thuirt e.

Cha b' e dìreach ìre Third Lanark a bha na meadhanan ann an Aimeireaga a Deas a' deasbad, tha e coltach, le casaidean àraid a' nochdadh mu fhear-glèidhidh nan Albannach, Tom Ferguson, a bha mar as trice a' cluich 'son na h-Eaglaise Brice.

A rèir aon aithris, bha Ferguson ri cleas a bhathas ag innse do luchd-leughaidh Argentina a bha cumanta ann am ball-coise na h-Alba: "He will cover his hands with "pegapega" (a very sticky substance used in the Argentine for trapping birds), with the object that as soon as the ball touches his fingers it immediately becomes adhered to them. He will also solicit permission to wear the traditional skirt of his country, which, when used with well starched underskirts, will make it absolutely impossible for the ball to pass between his shapely legs".

Cha robh sgeul air glaodh no èileadh nuair a thill na h-Albannaich a stèideam River Plate far an robh Argentina a' feitheamh riutha. Ged a bha dà chomann ball-coise nàiseanta aig Argentina aig an àm, bhathas a' gabhail ris gur e an sgioba nàiseanta a bha seo is ceann-suidhe na dùthcha, Marcelo Torcuato de Alvear, am measg na bha an làthair.

Chrìochnaich geama cruaidh eile 1-1.

Thàinig an turas gu ceann le Third Lanark a' dèanamh a' ghnothaich 2-1 air sgioba mheasgaichte Argentina/Uruguay. Uile gu lèir bha iad air ceithir geamaichean a bhuannachadh, a dhà a chall, is iad co-ionnan sa dhà eile.

Cha robh an dràma buileach seachad. Air an t-slighe dhachaigh chuir stoirm tropaigeach "something terrible" maill air an sgioba, ach 's e faochadh a bha sin an taca ri suidheachadh Raith Rovers, sgioba eile a bha a' cluich thall-thairis air an t-samhradh sin. Thachair Thirds ri Raith anns na h-Eileanan Canary is balaich Fìobha air teicheadh ann an èiginn is am bàta aca air bualadh anns na creagan. Bha cuid de rudan fiùs nas miosa na urchairean Buenos Aires ann do mhiseanaraidhean ball-coise Albannach.

Bha Third Lanark air ais air talamh tròcair agus a dh'aindeoin gach ceist aig toiseach an t-samhraidh, bha iad air deagh phrothaid a dhèanamh às an turas. Math dh'fhaoite gun robh prìs ri pàigheadh ann an dòigh eile is an sgioba a' tuiteam a-mach às a' Chiad Roinn aig deireadh 1923/24.

Bha an cluba suas is sìos às dèidh sin. Anns na h-amannan doirbh dìreach às dèidh an dàrna chogaidh, dè a nochd aig Pàirc Cathkin aon là ach geansaidhean ùra brèagha - prèasant bho Chomann Ball-coise Argentina.

Ach cha robh dad ann a shàbhaladh Third Lanark nuair a chaidh an cluba fodha am measg connspaid is droch fhaireachdainn ann an 1967. Bha caibideal ann am ball-coise na h-Alba air dùnadh.

Chan eil air fhàgail an-diugh ach an seann dachaigh aca Pàirc Cathkin, aislingean cuid de luchd-taic a tha suas ann am bliadhnaichean, agus sgioba amateurach aig ìre ìosal, ged a bhios planaichean airson aiseirigh - gun mòran de bhun-stèidh ann an da-rìribh - a' nochdadh an-dràsta is a-rithist.

Ach fada bho thaobh a deas Ghlaschu, tha ainm Third Lanark beò fhathast air taobh thall an t-saoghail far a bheil cuimhne a' leantainn air turas 1923.

"Bha na tursan seo dìreach bunaiteach a thaobh fàs a' bhuill-choise san River Plate. Faodaidh sinn a ràdh le cinnt gun tàinig cruth atharrachadh air ball-coise an seo às dèidh 1923", tha Luis Marzoratti ag innse.

"Bhuannaich Uruguay farpais a' bhuill-choise aig na Geamaichean Olimpigeach ann an 1924, bha sin coltach ri Cupa na Cruinne aig an àm. Bhuannaich iad a-rithist ann an 1928.

"Ann an Argentina is Uruguay, bha seo mar thoiseach-tòiseachaidh ann a bhith a' ruighinn sàr àrd-ìre ann am ball-coise na cruinne".

/naidheachdan/65549368