Main content

Gleann Urchadain air an dòigh a bhith air ais sa Phrìomh Lìog

Thuirt manaidsear Ghleann Urchadain Dàibhidh Stiùbhart gu bheil an cluba air an dòigh a bhith air ais ann am Prìomh Lìog nam fear.

Fhuair sgioba a' Ghlinne a' phuing a bha a dhìth orra aig an deireadh-sheachdain is iad a' crìochnachadh 0-0 an aghaidh Cill Mhàilidh, taobh a-muigh ann an Druim na Drochaid.

Tha sin a' ciallachadh nach urrainn do Chill Mhàilidh breith orra is gur iad an Gleann a thèid suas le Loch Abar.

'S e measgachadh de chluicheadairean le eòlas is feadhainn nas òige a th' aig Ghleann Urchadain is thuirt John Barr, fear a bha thall 's a chunnaic, gun dèan e feum dhaibh a bhith sa Phrìomh Lìog.

"Tha cuid againn air cluich aig an ìre sin roimhe ach bidh e ùr dha gu leòr eile. Tha e cudromach dhaibh a bhith aig an ìre as àirde is gum faic iad dè dh'fheumas iad a dhèanamh.

"Bheir sin air adhart iad is bidh e math dhan chluba gu lèir", thuirt e.

Chan eil e dearbhte fhathast cò an dàrna sgioba a thig a-nuas bhon Phrìomh Lìog còmhla ri GMA às dèidh dhan Mhanachainn a' chùis a dhèanamh air Lòbhat 4-3.

Tha a' Mhanachainn fhathast ann an staing ach tha iad beò fhathast is bidh e na fhaochadh dhaibh co-dhiù, shaoileadh tu, nach b' e na nàbaidhean aca à Cill Taraghlain a thug dhaibh buille-bàis.

Aig mullach na Prìomh Lìge 's dòcha gun robh Ceann a' Ghiùthsaich fhathast a' fulang às dèidh dhaibh Cupa na Camanachd a bhuannachadh is iad a' call 1-0 ri Cabar Fèidh ann an Srath Pheofhair.

'S e tadhal bho Craig Moireasdan a rinn an diofar is Cabers air a' chùis a dhèanamh air Kings dà thuras san lìog a-nise am-bliadhna.

Tha seo a' fàgail gu bheil cothrom air choireigin fhathast aig Caol Bhòid air an tiotal is iadsan air soirbheachadh 4-1 an aghaidh nan Sgitheanach Disathairne.

Bidh aithreachas mòr air sgioba Thaigh na Bruaich mun dà phuing a chaill iad aig fìor dheireadh a' gheama ann an Ceann a' Ghiùthsaich nas tràithe air a' mhìos.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog Disathairne rinn Camanachd an Òbain an gnothach 4-1 air GMA.

Air ais san Lìog Nàiseanta tha Srath Ghlais air oir na creige às dèidh dhaibh crìochnachadh 3-3 le Ceilteach an Òbain is am blàr 'son fuireach san lìog a-nise a' dol dha na buillean mu dheireadh.

Ann an Lìog Tuath 2 thàinig Loch Carrann air ais 'son puing luachmhor a ghlèidheadh an aghaidh Cill Mhàillidh is an geama a' crìochnachadh 1-1.

Feumaidh na Carrannaich a-nise a' chùis a dhèanamh air Srath Ghlais Disathairne seo tighinn 'son leum os cionn Camanachd Leòdhais is an lìog a bhuannachadh.

Ann an iomain nam ban bhuannaich Ceann Loch Seile Lìog Tuath 2.

Rinn iad an gnothach ann an stoidhle cuideachd le pronnadh 9-0 a thoirt air Lòbhat, na tadhail a' tighinn bho Lexie NicCoinnich (4), Ceitidh NicRath (3), is Niamh Mhoireasdan is Tibby NicCoinnich.

Aig deas 's e iad Dùn Ada a bha a' dèanamh gàirdeachais is duais Lìog Deas 2 air a thoirt seachad, ged a bha briseadh-dùil air an là gu ìre is iad a' call 5-3 ri Baile Udain.

/naidheachdan/sgeulachdan/cq58ldvwq4ko