Borthwick: 'Abair geama iomain a bha siud'
Thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain 'Corky' Borthwick, gu bheil iad air an dòigh faighinn a-steach dhan dàrna chuairt de Chupa MhicThàmhais is iad air soirbheachadh air buillean-peanais an aghaidh Lòbhat.
'S iad Lòbhat a fhuair làmh an uachdair air Ceann a' Ghiùthsaich dìreach ochd mionaidean a-steach dhan gheama nuair a chaidh buille a-steach domhain dhan bhogsa.
Cha do dhèilig Ceann a' Ghiùthsaich leis luath gu leòr agus bha aig Lewis Tawse ris a' bhall a bhualadh gu sìmplidh seachad air an neach-glèidhidh.
Thug e faisg air uair a thìde gus an do lorg Ceann a' Ghiùthsaich freagairt.
Cò eile ach Savio Genini, a tha gu math dèidheil air tadhal cudromach, is e a' bualadh a' bhuill bho oir a' bhogsa gu cumhachdach airson gàirdeachas a thogail am measg an luchd-taic aig An Dell.
Ùine a bharrachd
B' e 1-1 a bha sgrìobhte air an soidhne mhòr aig deireadh 90 mionaid - fada nas fhaisge na bha e an-uiridh nuair a choinnich na sgiobaidhean san dàrna chuairt nuair a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 3-0 ann an Cill Taraglain.
A-steach leotha gu ùine a bharrachd is nochd Dylan Borthwick sa bhogsa às dèidh slaic-oisein is bha Ceann a' Ghiùthsaich air thoiseach.
Ach thàinig toileachas luchd-taic Cheann a' Ghiùthsaich gu crìch - airson greis co-dhiù - le Lewis Tawse a' toirt dòchais do Lòbhat le tadhal sgiobalta eile dhan sgioba aige.
Bha feum air buillean-peanais.
Buillean-peanais
Leis an dà sgioba a' cur a' bhuill seachad air an tadhal dhà no thrì tursan, bha cùisean teann sna buillean-peanais.
Rinn neach-glèidhidh Cheann a' Ghiùthsaich, Ruairidh MacGrìogair, an aon mhearachd le bhith a' cur a' bhuill àrd seachad air an tadhal leis an oidhirp aigesan bhon spot.
Ach 's e gaisgeach an là air a' cheann thall - shàbhail e a dhà dhuibh agus chuir e an dàrna oidhirp aige dhan lìon.
Thàinig Ceann a' Ghiùthsaich am bàrr 6-5 agus bha gàirdeachas aig An Dell uair eile.
Thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain 'Corky' Borthwick, gur e uallach a bh' ann bòtannan Iain Gibson a lìonadh nuair a thàinig e a-steach ann an 2023, ach gun robh e gu bhith a' toirt toileachais bho gach geama aige os cionn na sgioba - abair gun robh siud follaiseach air aodann Disathairne.
Na geamaichean eile ann an Cupa MhicThàmhais
Fhuair Baile Ùr an t-Slèibh seachad air Srath Ghlais gu furasta is dà thadhal bho Chamshron Mac'illeNaoimh agus fear eile bho Drew Dòmhnallach gu leòr airson fhaighinn a-steach dhan dàrna chuairt.
Cha robh cùisean cho sìmplidh sin don Mhanachainn ge-tà - thàinig iad am bàrr 4-3 an aghaidh Loch Abair ann an geama faisg.
Bha tadhal tràth aig Gleann Urchadain bho Daniel Mac'illeEathain às dèidh dìreach trì mionaidean, ach thill Cille Mhàilidh le dà thadhal airson buannachadh 2-1.
Stad an geama eadar Ceann Loch Seile agus Cabar Fèidh gu h-obann is an rèitire Steven MacLachlainn air fàs tinn.
Fhuair e cuideachadh bho dhì-fhibriliche a tha stèidhichte aig Caisteal Leòid agus oidhirpean sgiobair Cheann Loch Seile Conor Cormack, a tha na smàladair, agus an co-chluicheadair aige Keith MacRàth, gus an do ràinig na seirbheisean èiginn.
Tha Steven a-nis a' tighinn air adhart san òspadal.
Geama teann aig Pàirce Mossfield
Tha seusan measgaichte air a bhith aig Caol Bhòid gu ruige seo is iad air dìreach aon gheama a bhuannachadh a' dol a-steach dhan gheama an aghaidh Camanachd an Òbain.
Bha cluicheadairean a dhìth orra 'son a' gheama seo ach 's iad a fhuair a' chiad thadhal - Innes Dòmhnallach le rocaid a' cur Caol Bhòid air thoiseach uair a thìde a-steach dhan gheama.
Ach fhreagair Camanachd an Òbain is Malcolm Clark a' fàgail a' gheama co-ionnann, is Lewis Camshron an uairsin a' cur fear eile sa mhionaid mu dheireadh gus an geama a bhuannachadh 2-1 airson sgioba an Òbain.