Àrd-choidse ùr dhan Glasgow Clan
Às dèidh còrr agus bliadhna às aonais àrd-choidse tha an Glasgow Clan air Malcolm Camshron ainmeachadh mar an fhear a stiùireas sgioba Bhraehead tro sheusan ùr an Elite League.
Tha e cuideachd gu bhith na cheannard air obair hocaidh aig a' Chlan.
'S ann an Alba Nuadh a tha an coidse ùr agus e air a bhith os cionn còrr agus 700 geama ann an lìog a' chosta an iar, neo an ECHL, ann an Ameireagaidh a Tuath.
Dhe na geamannan a tha sin tha Camshron air còrr agus 400 geama a bhuannachadh, agus e air a bhith os cionn na Cincinnati Cyclones, na Long Beach Ice Dogs, na Texas Wildcatters, na Florida Everblades, na Elmira Jackals agus an Wichita Thunder.
Sgioba
A bharrachd air na bliadhnaichean a tha e air a chosg ann an Ameireagaidh a Tuath tha e air a bhith na àrd-choidse anns an Eadailt agus ann an Romàinia.
Bidh e a-nis an urra ri Camshron sgioba a thoirt ri chèile airson seusan ùr an Elite League, agus sgiobaidhean eile anns an lìog mar-thà air cluicheadairean fhastadh airson an ath sheusain.
Tha seo a' tighinn ri linn 's gu bheil mì-chinnt ann fhathast mu dheidhinn arena an Clan agus Intu, aig an robh an ionad-bhùitean anns a bheil an arena, a' dol fo rianachd.
Dh'fhàg sin an sgioba às aonais cinnt gum biodh dachaigh aca air an ath sheusan.