Taghadh Chupa na Camanachd beò air 91Èȱ¬ ALBA
Thèid an taghadh airson iar-chuairtean deireannach Chupa na Camanachd a dhèanamh beò air 91Èȱ¬ ALBA oidhche Luain.
Cha bhi Ceann Loch Seile anns an taghadh sin is an iomairt aca an cupa a bhuannachadh dà bhliadhna ann an sreath air tighinn gu ceann Disathairne.
'S e tadhal bho Dhàibhidh Camshron le seachd mionaidean air fhàgail a rinn an gnothach do Chamanachd an Òbain aig Rèaraig.
'S beag an t-iongnadh gun robh manaidsear an Òbain, Gareth Evans, air a dhòigh:
"Bha sinn as aonais cheathrar a bhiodh air tòiseachadh ach bha na balaich dìreach sònraichte", thuirt Evans.
"Bha sinn a' creidsinn gum b'urrainn dhuinn buannachadh is tha mi a' smaointinn gun robh sinn airidh air.
"Cha bhi e furasta a-nise dha na balaich nach robh an seo faighinn air ais dhan sgioba", thuirt e.
Cruaidh
Rinn Ceann a' Ghiuthsaich toiseach-tòiseachaidh glè làidir ann am Port Rìgh is Roddy Young air an cur air thoiseach às dèidh còig mionaidean.
Thàinig a dhà eile an ìre mhath sgiobalta bho Sheumas Falconer is Savio Genini mus robh Young air an targaid a-rithist.
Chuir Falconer an uairsin an dàrna tadhal aige den là is Kings air thoiseach 5-0 aig leth-ùine.
Cha robh iad buileach cho cruaidh air na Sgitheanaich san dàrna leth ach thàinig tadhal eile bho Young mus do chuir Ruairidh MacAnndrais crìoch air cùisean is an geama a' crìochnachadh 7-0.
Cha robh e buileach cho furasta do Lòbhat an aghaidh Inbhir Aora ann an Cill Taraglain.
Bha cùisean teann sa chiad leth is Inbhir Aora a' cruthachadh a' chothroim as fheàrr, cothrom a chuir Caimbeul Watt dìreach seachad air a' phost.
'S e Lòbhat a chaidh air thoiseach goirid ro leth-ùine, oidhirp bho Lewis Tawse a' bualadh air cluicheadair eile air a slighe dhan lìon.
Ged a thòisich Inbhir Aora an dàrna leth gu math, ghabh Lòbhat smachd air a' gheama mar a chaidh an ùine air adhart is Scott MacLachlainn eadar na puist do dh'Inbhir Aora a' cur stad air sreath de dh'oidhirpean bho Ghreg MacMhathain, Friseal Heath is Marc MacLachlainn.
Mu dheireadh thall chuir Graeme MacMhaoilein an dàrna tadhal (77), is Marc MacLachlainn (80) a' cur crìoch air cùisean le slaic air leth bho astar.
Lòbhat troimhe 3-0 ach na h-uidhir de mhisneachd ann cuideachd do sgioba òg Inbhir Aora.
Pronnadh
Chaidh an geama aig Caol Bhòid is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a chur dheth air sgàth Covid is thèid a chluich a-nise Disathairne seo tighinn.
Mar sin, 's e Camanachd an Òbain, Ceann a' Ghiuthsaich, Lòbhat, is Caol Bhòid no Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a bhios san taghadh oidhche Luain.
Chìthear an taghadh air An Là air 91Èȱ¬ ALBA bho 8.00f.
Am measg gheamaichean eile Disathairne, thug Cabar Fèidh pronnadh 7-0 air Cill Mhàilidh sa Phrìomh Liog.
Rinn Camanachd Leòdhais eachdraidh ann an Lìog Tuath 2 is iad a' buannachadh ann an Caol a' Ghearasdain 'son a' chiad turas riamh.
Chaidh Cill Mhàilidh air thoiseach ach rinn tadhail bho Dhòmhnall MacLaomainn is Donnie MacRath an gnothach dha na Leòdhasaich.
Ann an iomain nam ban bha geama mòr Dhidòmhnaich aig an Dail is an dà sgioba aig mullach na Lìge Nàiseanta, Bàideanach is na Sgitheanaich, a' dol an aghaidh a chèile.
Air là nuair a bha a' ghrian a' sgoltadh nan creag bha Bàideanach nan tèine iad fhèin is iad a' toirt droinneadh 15-1 air na Sgitheanaich - sgioba nach robh air geama a chall san lìog thuige seo.
Thàinig naoi de na tadhail bho Kirsty Deans is Bàideanach a-nise ann an suidheachadh làidir an lìog a bhuannachadh.