Na Sgitheanaich agus Cupa MhicThà mhais
Thèid Camanachd an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich Disathairne sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais. Tha Ceann a' Ghiùthsaich eòlach gu leòr air a' chupa is iad air a bhuannachadh 28 tursan uile gu lèir. Gu dearbha, 's iadsan a thog an duais an-uiridh. Ach ged nach eil na Sgitheanaich air a bhith cho soirbheachail ann an Cupa MhicThàmhais, tha eachdraidh fhada acasan san fharpais cuideachd.
Air thoiseach air a' gheama mhòr Disathairne, tha 91Èȱ¬ Naidheachdan a' toirt sùil nas mionaidiche air na trì tursan thuige seo a ràinig iad a' chuairt dheireannach.
1898
B' e madainn fhliuch a bh' ann Disathairne an 23mh den Ghiblean 1898 nuair a chruinnich cluicheadairean Camanachd an Eilein Sgitheanaich aig cidhe Phort Rìgh. Às dèidh do bhàta-smuid an toirt gu tìr-mòr, chum na Sgitheanaich orra a dh'Inbhir Nis far an robh sgioba a' bhaile a' feitheamh riutha sa chuairt dheireannaich de dh'fharpais ùr.
Dh'innis Courier Inbhir Nis nach robh cuid de na prìomh sgiobaidhean air pàirt a ghabhail ach gun robh an fharpais air ùidh dhaoine a ghlacadh. Bu chòir taing mhòr a thoirt do Dhonnchadh MacThàmhais, marsanta gràin, thuirt iad, airson an cupa a thoirt seachad.
Bha am feur fada aig Pàirc an Talchain agus dh'fhàg an dìle a bh' ann nach robh cus luchd-taic an làthair - ged a bha "a few enthusiastic Skyemen" air a dhol còmhla ri sgioba an eilein. Bha an cluba air aontachadh trì bliadhna ron seo an t-ainm atharrachadh gu Camanachd an Eilein Sgitheanaich, ach 's e 'Port Rìgh' a nochd fhathast mar as trice anns na h-aithrisean mun gheama.
Bha an là cho fliuch is gun robhar ag aithris gun robh e cianail doirbh do na cluicheadairean fuireach air an casan is fiù 's am ball a bhualadh. Ach 's iad na Sgitheanaich a bha nas toilichte san uisge is iad 4-1 air thoiseach aig leth-ùine.
Cha robh iad ach a' tòiseachadh. "Flushed with their success, the islanders demonstrated that they were ahead of their opponents so far as shinty playing was concerned", dh'innis an Courier. 'S iad a bha. Nuair a bha a' chiad chuairt dheireannach de Chupa MhicThàmhais seachad, bha na Sgitheanaich air buannachadh 7-2.
Seo an sgioba a rinn eachdraidh ann an Inbhir Nis: Aonghas Ros, A Murchison, A MacLeòid, W J Robasdan, J MacFhiongain, A MacCoinnich, M Fearghasdan, Coinneach MacRath, W Ros, W M Dunn, N Robasdan, F Stiùbhart.
Chuireadh fàilte mhòr air na seòid nuair a thill iad a Phort Rìgh. Bha am baile air a sgeadachadh le brataich is loisg Na Camshronaich an gunnaichean dhan aidhear nuair a nochd an sgioba. "Upon the landing of the team, the trophy, which is a large and handsome silver cup, was carried through the village amidst enthusiastic cheering", dh'innis an Northern Chronicle and General Advertiser for the North of Scotland.
Bha am pàipear misneachail cuideachd gun dèanadh an soirbheachas feum mòr a thaobh suidheachadh na h-iomain san Eilean Sgitheanach a neartachadh às ùr, is iad ag ràdh gun robh an geama air àite a chall beagan. Tha fios nach fhada gus am biodh na Sgitheanaich air ais sa chuairt dheireannaich?
1921
Bha e fada gu leòr. Bha 23 bliadhna air a dhol seachad nuair a ràinig na Sgitheanaich a' chuairt dheireannach a-rithist is an turas seo 's e Ceann a' Giùthsaich a bha san rathad orra. Bha na sgiobaidhean air cluich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an Inbhir Pheofharain beagan sheachdainnean ron seo is sgioba Bhàideanach a' soirbheachadh 4-2 às dèidh ùine a bharrachd.
Bha Courier Inbhir Nis air bhioran mun gheama mhòr air an 30mh den Ghiblean 1921: "Never before have Skye been playing as well as now. They gave the champions a great fright at Dingwall. The islesmen are determined to take the trophy to the Island. It goes without saying that Kingussie will leave nothing to chance in their meeting with the Skyemen".
'S e sgioba làidir a bh' aig na h-eileanaich cuideachd is iad air triùir bho Sgioba Sgitheanaich Ghlaschu a thoirt a-steach - Dan MacNeacail, Ùisdean Mòr is Cailean Murchison. Bha 4,000 neach an làthair aig Pàirc Seafield ann an Inbhir Nis is gearanan - a-rithist - gun robh am feur ro fhada.
Thòisich na Sgitheanaich gu làidir is Cailean Murchison leis a' chiad thadhal. Bha Ceann a' Ghiùthsaich co-ionnan ro leth-ùine ge-tà le tadhal bho MhacCoinnich, is san dàrna leth chuir iad trì eile bho MhacCoinnich, Dunbar is MacIlleathain.
Seo na Sgitheanaich a chluich sa chuairt dheireannaich ann an 1921: J Ros, Maidsear D M Friseal, J MacIlleathain, D MacNeacail, S MacMhathain, D Murchison, W Friseal, C MacNeacail, D J Boyd, C Murchison, H MacNeacnail, V Fearghasdan.
Ged a chrìochnaich an geama 4-1, rinn Courier Inbhir Nis moladh air na Sgitheanaich. "Skye has a fine set of young players, and, if they hold together, the day is not distant when a shinty trophy will find its way to Skye".
Saoil cuin?
1990
Tha fios nach robh an Courier a' smaointinn gun toireadh e cho fada seo dhan eilean tilleadh dhan chuairt dheireannaich. Bha cùisean air a bhith doirbh do dh'iomain san Eilean Sgitheanach aig amannan anns na bliadhnaichean fada eadar 1921 is 1990. A-nise ge-tà, bha sgioba làidir ann air a togail air obair chruaidh aig ìre òigridh fad iomadh bliadhna. Bha iad air soirbheachadh ann am farpaisean aig ìre nas ìsle is bha iad mu dheireadh thall air ais sa chuairt dheireannach de Chupa MhicThàmhais.
Nan aghaidh a-rithist bhiodh Ceann a' Ghiùthsaich, aig an àm seo an sgioba as fheàrr sa gheama. Bha timcheall air 2,000 neach an làthair aig Pàirc a' Bhucht air an 21mh den Ghiblean 1990 is chìtheadh iad geama aig àrd-ìre. Ged a thòisich na Sgitheanaich gu làidir, 's iad Ceann a' Ghiùthsaich a chaidh air thoiseach dìreach ron lethuair bho Chaoimhin Thain. Cha mhòr sa bhad bha sgioba an eilein co-ionnan tro Willie Cowie.
Bha an geama a' leantainn aig "white-hot pace", dh'innis am Pàipear Beag, is bha dà thadhal eile ann ro leth-ùine - a-rithist bho Thain is Cowie. Thionndaidh na sgiobaidhean mun cuairt co-ionnan aig 2-2.
Bha barrachd eòlais aig sgioba Bhàideanach is chaidh iad suas ìre san dàrna leth le dà tadhal bho MhacAnndrais. Air ais gun tàinig an t-eilean ge-tà is tadhal bho MhacRath a' toirt dhaibh dòchas às ùr. Le oidhirp mhòr a' dol anns na mionaidean mu dheireadh gus an geama a shàbhaladh, bhrist Ceann a' Ghiùthsaich air falbh is MacÌosaig le tadhal a dh'fhàg gun do chrìochnaich e 5-3. "There were no failures in the Skye side, and with just a bit more luck they could have had more to show for that superb first-half performance", cho-dhùin am Pàipear Beag.
Seo sgioba nan Sgitheanach an là ud: J MacCoinnich, D MacDhùghaill, E MacFhioghain, D Dòmhnallach, W MacRath, A Dòmhnallach, C MacIlleathain, A MacIlleathain, W Cowie, P Gòrdain, J MacRath, W MacFhionghuin. J Fionnlastan, C Murchison.
Mar a tha fios a-nise, cha robh seusan nan Sgitheanach ann an 1990 seachad aige sin. Cola-deug às dhèidh dhaibh call ri Ceann a' Ghiùthsaich sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais, rinn iad a' chùis air sgioba Bhàideanach 3-1 ann am Port Rìgh ann an Cupa na Camanachd. Ro dheireadh an t-samhraidh, thigeadh an là as motha ann an eachdraidh a' chluba is iad a' soirbheachadh 4-1 an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh gus Cupa na Camanachd a thogail.
Am measg nan seallaidhean iongantach a bh' ann às dèidh a' gheama, chualas manaidsear nan Sgitheanach, Ross Cowie, ag ràdh nach robh ann ach toiseach-tòiseachaidh. 'S e Cupa na Camanachd a bhuannachadh am pàirt as fhasa dheth, thuirt Cowie, is 's e an dùbhlan a bha romhpa a-nise an cupa a thogail a-rithist - is farpaisean eile - gu dearbh an Grand Slam a bhuannachadh.
Cha bhiodh Cowie air a dhòigh, tha fios, nam biodh fios aige an là sin gum biodh 33 bliadhna mus tilleadh iad air ais gu cuairt dheireannach eile aig àrd-ìre.
Tha cothrom a-nise aig sèoid 2023 caibideal ùr ann an eachdraidh a' chluba a sgrìobhadh dhaibh fhèin.