Main content

Aiseirigh Chupa Inbhir Nis am Marc-Innis

Fosglaidh seann chaibideil ann am ball-coise na Gàidhealtachd às ùr oidhche Mhàirt is Clach na Cùdainn is Caley Thistle gus cluich airson Chupa Inbhir Nis.

Tha eachdraidh na farpais seo a' dol air ais gu 1895 nuair a chaidh a stèidheachadh mar Chupa Pattison.

San leabhar aige mu eachdraidh Lìog na Gàidhealtachd, sgrìobh Bill MacAlasdair nach maireann gur e clach-mhìle a bh' ann, is seo a' chiad uair a chaidh an lìog an sàs ann an sponsaireachd.

Air a cùl bha fear Mgr Hood a bha a' ruith an Empire Bar air Sràid a' Chaisteil ann an Inbhir Nis. Bha esan air iarraidh air fear Mgr Pattison bho chompanaidh ghrùdaidh ann an Lìte cupa a thoirt seachad, rud ris an do ghabh Lìog na Gàidhealtachd.

Rinn Caledonian a' chùis air Thistle sa chiad chuairt dheireannach ach bha connspaid ann às dèidh làimhe nuair a dh'innis iad gum b' fheàrr leotha an cupa a leigeil seachad seach a bhith ga fhaighinn ann an togalach far an robh daoine ag òl deoch-làidir - rud a bha car doirbh ann am farpais a bha cho dlùth-cheangailte ri òstair is companaidh grùdaidh.

Ghèill an lìog is chaidh an cupa a thoirt seachad aig coinneimh comataidh. Is mar a thuirt Mgr MacAlasdair, dh'atharraich prionnsabalan Chaley thar nam bliadhnaichean cuideachd.

Dh'atharraich is Cupa Pattison is e air a' cheann thall air ainmeachadh a-rithist mar Chupa Inbhir Nis.

'S iomadh turas a rinn sgiobaidhean a' bhaile strì air a shon mus deach a fosgladh suas gu clubaichean taobh a-muigh Inbhir Nis cuideachd.

Ged a chaill an fharpais inbhe, 's e briseadh-dùil a bh' ann do chuid nuair e sguir e. Gu seo, 's e Forres Mechanics an sgioba mu dheireadh a shoirbhich ann an 2005/06.

Bha toileachas ga dhèanamh mar sin nuair a dh'innis Caley Thistle is Clach na Cùdainn as t-Samhradh gun tilleadh an fharpais le geama bliadhnail eatorra, is taic a' tighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Dh'innis stiùriche spòrs Chaley Thistle, Iain Robasdan, gur e cothrom a th' ann eachdraidh nan diofar chlubaichean a chomharrachadh is farpais a dhèanamh airson chupa àlainn.

Bhuannaich Caley agus Thistle ri chèile Cupa Inbhir Nis 19 tursan is bhuannaich dàrna sgioba a' chluba mheasgaichte e grunn thursan cuideachd às dèidh dhaibh a dhol còmhla.

Tha Clach air soirbheachadh 14 tursan, ged nach do thog iad an cupa bho 1952/53.

Thurchair cuideachd gur e Caledonian an aghaidh Clach a bh' ann sa chuairt dheireannaich bho chionn 100 bliadhna, geama a bhuannaich Caley 1-0.

Cha b' e a' phrìomh naidheachd a bh' ann gu h-ionadail is na pàipearan a-mach air stailc am measg bhèicearan a' bhaile, is mar a bha a' chomhairle ionadail air aonta a chrìochnachadh gus Oighreachd a' Bhucht a cheannach.

Bhiodh sin cuideachd air a dhlùth-cheangal ri dualchas spòrs na sgìre anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Thig Cupa Inbhir Nis bèo às ùr aig Pàirc Sràid nan Granndach oidhche Mhàirt is an geama gus tòiseachadh aig 7:30f.

/naidheachdan/sgeulachdan/cyxdnqzg24yo