Trump agus Turnberry – dè a-nist?
Tha àite sònraichte aig Dòmhnall Iain Trump dha fhèin a-nist ann an eachdraidh na Stàitean Aonaichte. A' chiad Cheann-Suidhe a-riamh a chaidh a chasaideachadh airson an dara turas.
Chan e seo a' chiad turas a tha Trump air a bhith an lùib aimhreit agus buaireadh do-chreidsinneach, ach an trup seo tha e air crith-thalamhainn adhbharachadh ann am poilitigs na dùthcha sin, agus air gaoir a chur air daoine air feadh an t-saoghail a tha a' creidsinn ann an deamocrasaidh.
Tha na stuadhan bhon chrith-thalamhainn air tighinn tarsaing a' Chuain Shiar gu cladaichean Siorrachd Àir, a' dèanamh milleadh mòr air raon goilf a bhuineas dhan Cheann-Suidhe.
Tha Dòmhnall Iain Trump air a bhith a' cur às a chorp airson seachdainnean a-nist gun deach Taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean "a ghoid" bhuaithe le foill.
An Capitol
Chaidh e gu lagh ann an iomadach Stàit ach chaill e a h-uile turas. Cha robh na britheamhan a' faicinn gun robh susbaint neo fìrinn sam bith sna gearrainean.
Ach, chan eil e anns an dèanamh aig an duine seo gèilleadh do rud sam bith ma tha esan a' dol a thighinn às mar "loser".
Air an là a bha dà Thaigh na Còmhdhail ann an Washington a' coinneachadh airson aontachadh gur e Joe Biden an ath-Cheann-Suidhe, ghairm Trump coinneamh phoblach sa bhaile, beagan astair bhon Chapitol.
Chruinnich mìlltean dheth na "Patriots" aig Trump. Daoine a tha a' creidsinn a h-uile facal a tha esan ag ràdh mu fhoill, mu mhèirle agus mu thaghadh a chaidh a ghoid. Daoine a tha a' dèanamh dia dheth.
Às dèidh òraid far an robh Trump gam piobrachadh gus "sabaid airson an dùthaich a shàbhaladh", rinn iad air a' Chapitol a' toirt ionnsaigh air poilis agus dachaigh luchd-poilitigs.
Cha tug a' ghràisg seo fada gus an do chuir iad an Capitol fon casan - a' briseadh dhorsan, a' leum tro uinneagan agus a' rùrach tro dhràthraichean agus oifisean.
'S gann gum b' urrainn do dhaoine air feadh an t-saoghail na dealbhannan a bha iad a' faicinn le an sùilean air telebhisean agus na meadhanan sòisealta a chreidsinn.
Riochdairean an deamocrasaidh as motha san t-saoghal air an glùinean, a' falach air cùl bheingichean, a' clisgeadh leis an eagail.
An luchd-poilitigs as cumhachdaiche san dùthaich a' teicheadh bho dhaoine le feusagan agus flagaichean, daoine le aodainn air am peantadh agus bian bheathaichean air an cinn agus daoine air ghoil le gràin agus mì-rùn an aghaidh riaghladairean air nach robh an t-ainm Trump.
Ach mar as trice a thachras, tha an làn a-nist a' tionndadh, agus tha an dìoghaltas air tòiseachadh.
Thug ionnsaigh a' Chapitol Democrataich agus Poblachdaich còmhla a bhòtadh an aghaidh Trump airson an dara turas. Chan eil an dìoghaltas air stad an sin.
An Open
Chaidh Trump a chur far Twitter agus nam meadhanan sòisealta eile. A' fagail a' bheòil nach do dhùin a dh'oidhche neo là 'son ceithir bliadhna cha mhòr balbh.
Agus an uairsin, gluasad a ghoirticheas Trump agus a sporan gu pearsanta, buille chràidhteach dha na clubaichean goilf aige.
Ann an 2014 cheannaich Dòmhnall Iain Trump oighreachd Turnberry, agus na lùib raon goilf an Ailsa, cùrsa cho ainmeil agus cho eachdraidheil ri gin san t-saoghal.
Seo far an d' fhuair Tom Watson làmh an uachdair air a' ghoilfear a b' fheàrr a bh' ann a-riamh, Jack Nicklaus, san Open ann an 1977, a' buannachd le aon stràc às dèidh ceithir là. Tha an "Duel in the Sun" iomraiteach chun an là an-duigh agus tha ìomhaigh an dà laoch - Watson agus Nicklaus - le an gàirdeanan timcheall a chèile fhathast a' nochdadh nuair a tha daoine a' bruidhinn air na farpaisean a b' fheàrr a bh' ann a-riamh.
Theab Watson an Open a bhuannachd a-rithist aig Turnberry ann an 2009 aig aois 59, ach chaill e ri Stewart Cink air toll a bharrachd. Seo an turas mu dheireadh a bha an Open aig raon an Ailsa agus bha fadachd uabhasach air Trump an fharpais mhòr fhaighinn air ais.
Às dèidh Turnberry a cheannachd chosg e milleanan mòra a' dèanamh cùrsa an Ailsa nas fheàrr buileach, ag obrachadh còmhla ri companaidh ailtearan goilf cho clùiteach 's a th' ann, MacKenzie Ebert.
Gu h-inntinneach bha Màrtainn Ebert gu mòr an sàs san obair a chaidh a dhèanamh an Uibhist a Deas air raoin goilf Àisgeirnis agus, ma 's urrainn dha, bi e a' tilleadh dhan eilean gach samhradh gu farpais Bhliadhnail a' Chluba.
Thug an obair aig MacKenzie Ebert agus an sporan aig Trump cùrsa an Ailsa gu ìre eile, a' cur Turnberry air ais an lùib sàr raointean goilf an t-Saoghail. Ach cha robh sgeul air an Open.
Aire Dhaoine
Beagan làithean às dèidh dol a-mach a' Chapitol thug am PGA Farpais 2022 air falbh bho raon Trump National Bedminster air iomall New York. Bha dragh orra mun droch bhuaidh a bheireadh an ceangal ri Trump air cliù agus deagh ainm na buidhne.
Nist bha coin a' bhaile ag ràdh nach robh mòran teansa gun d' rachadh an Open gu Turnberry air sgàth an duine leis a bheil e agus a dhol a-mach mar Cheann-Suidhe.
A dh'aindeoin eachdraidh, farpaisean mìorbhaileach agus na seallaidhean eireachdail timcheall a' chùrsa agus creag mhòr Ailsa Craig.
Ach tha fios againn le cinnt a-nist nach bi an Open a' tilleadh gu Turnberry cho fad 's a tha ainm Trump os cionn an dorais.
Mhìnich Màrtainn Slumbers, àrd-oifigear an R&A leis a bheil an Open: "Cha bhith sinn a' tilleadh gus a bheil sinn cinnteach gum bi aire dhaoine air an fharpais, na cluicheadairean agus air a' chùrsa, agus chan eil sinn a' smaoineachadh gun gabh sin a dhèanamh leis mar a tha cùisean an-dràsta."
Tha a h-uile coltas gu bheil beatha Trump gus a bhith a' sìor fhàs doirbh aon uair 's gun gluais e mach às an Taigh Gheal. Tha e air tòrr dhaoine cumhachdach a sgreamhachadh agus tha iad a' maoigheadh a h-uile cothrom a ghabhail a thoirt gu ghlùinean, agus 's dòcha nas ìsle buileach.
Mu thràth tha daoine a' bruidhinn mu chùisean lagha, mu chùirtean agus fiù 's mu phrìosan.
Agus càit a bheil seo a' fàgail Turnberry?
A rèir choltais feumaidh Trump an t-àite a reic mus till an R&A agus an Open. Ma chumas gnothaichean a' dol na aghaidh aig an aon astar, 's dòcha nach bi an ùine sin fada. Le uachdaran ùr, am faic sinn na goilfearan as fheàrr san t-saoghal air ais aig an Ailsa? Cuin?
Ge brith dè thachras le Trump agus Turnberry tha aon rud cinnteach, cha dhìochuimhnich an Saoghal mòr an gille aig bana-Leòdhasach gu bràth.