Main content

Fearghasdan: 'Cha robh sinn ro mhath'

Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis nach do chluich an sgioba math gu lèor ann an Grianaig oidhche Mhàirt is iad a' call 2-1 ri Morton.

'S e Seòras Oakley, a bha uair a' cluich do dh'ICT, a chuir Morton air thoiseach às dèidh 20 mionaid is chuir Jack Baird tadhal eile le deich mionaidean air fhàgail.

Ged a fhuair Adam Brooks tadhal air ais do dh'Inbhir Nis ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama, bha e ro fhadalach.

Thuirt Donnchadh Fearghasdan às dèidh làimh nach robh an sgioba Ghàidhealach airidh air dad a thoirt às a' gheama.

"Bha droch oidhche againn is cha robh sinn faisg air an ìre a th' air a bhith againn".

"Cha do chùm sinn am ball math gu leòr is cha do dhèilig sinn le buill àrda a-steach dhan bhocsa.

"Bha sinn fìor mhath Disathairne ach a-nochd cha robh sinn ro mhath. Ma tha mi onorach cha robh sinn airidh air cus fhaighinn às a' gheama", thuirt e.

Choimhead Fearghasdan an geama bhon stand aig Cappielow às dèidh dha cairt dhearg fhaighinn aig Hampden Disathairne.

Cha do chòrd ris is e ag ràdh tàinig maill air stiùireadh fhaighinn chun na sgioba mar a bha e ag iarraidh.

Bidh e air ais air oir na pàirce Disathairne nuair a thig Obar Bhrothaig chun na Gàidhealtachd.

Tha na Lichties a-nise aig bonn na lìge leis mar a rinn Morton a' chùis air ICT is tha Fearghasdan mothachail air cho cudromach 's a tha an geama.

"Tha sinn a-rithist an aghaidh sgioba a th' aig a' bhonn is feumaidh sinn a bhith ag amas air na trì puingean. Cha bhi e furasta is feumaidh sinn na balaich a thogail ro-làimh - seo trì geamaichean ann an seachdain - ach feumaidh sinn gluasad air adhart".

Bha Fearghasdan cuideachd toilichte gun robh Roddy MacGriogair ais ais san sguad aig Cappielow às dèidh dha a bhith a-mach ùine mhòr is e air a ghoirteachadh.

Ged nach do chluich e, thuirt Fearaghsdan gu bheil dùil gum bi MacGriogair air ais a' phàirc a dh'aithghearr.

/naidheachdan/sgeulachdan/c0jyegk8y2no