Ceistean às ùr mu Derek Adams is Ross County
Tha ceistean ann às ùr mu na tha an dàn do Derek Adams is Ross County, is sgioba Inbhir Pheofharain air call 5-0 ri Tobar na Màthar oidhche Mhàirt.
Bha County 3-0 air dheireadh aig leth-ùine is bha faireachdainn ann aig a' cheann thall gum faodadh iad a bhith air barrachd na còig tadhail a chall.
Tha seo gam fàgail san 11mh àite san lìog, còig puingean air dheireadh air St Johnstone.
Ach tha mì-chinnt ann a-rithist mu shuidheachadh Adams fhèin às dèidh dha bruidhinn ris na meadhanan às dèidh a' gheama.
Chan eil ach beagan is dà mhìos bho thill Adams dhan chluba bho Mhorecambe.
Thuirt e gu bheil e follaiseach gu bheil County ann an suidheachadh cugallach is gum bruidhinn e ris a' chathraiche is an àrd-oifigear mun t-slighe air adhart.
"Bha an cluba ann an suidheachadh doirbh nuair a thàinig mi is tha fhathast.
"Bidh còmhradh agam ris a' chathraiche is an CEO is chì sinn dè thig às.
"Tha mi air feuchainn ri piseach a thoirt air cùisean. Bha fiosam dè bha romham nuair a thòisich mi is feumaidh mi a ràdh nach eil iongnadh sam bith orm.
"Tha e doirbh dhomh sin a ràdh oir 's e cluba sònraichte a tha seo - ach an-dràsta tha e ann an àite gu math doirbh," thuirt e.
Ach dh'innis Adams gur e fhèin a nì co-dhùnadh mu na tha an dàn dha.
Cha do chòrd na thuirt e oidhche Mhàirt ri cuid den luchd-taic is iad ag ràdh gun robh Adams fhèin air grunnan de na cluicheadairean a chaill an aghaidh Thobar na Màthar a thoirt dhan chluba anns na seachdainnean mu dheireadh.