Suidheachadh Chovid na "chothrom air leth" dha ionadan sgithidh
Tha gnìomhachas sgithidh na h-Alba ag ràdh gu bheil iad an dòchas buannachd fhaighinn às a' mhì-chinnt a th' ann timcheall air siubhal an-dràsta.
Thuirt a' bhuidheann Snowsport Alba gu bheil ceistean mu chuarantain air sgàth Chovid-19 a' fàgail "cothrom air leth" dhan ghnìomhachas.
Tha cùisean air a bhith doirbh do dh'ionadan na h-Alba fhèin is gun cothrom aca air seusan cheart bho thòisich am pandemic.
Tha iad ag ràdh gu bheil an seusan a tha rompha fìor chudromach dhaibh, is tha iad an dòchas barrachd dhaoine bho air feadh Bhreatainn a thàladh thuca leis a' mhì-chinnt a th' ann a thaobh siubhail dhan Roinn Eòrpa.
Iongantach
"Tha daoine bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte air a bhith a' cur fios oirnn", thuirt stiùiriche Ionad-sgithidh Ghleann Comhainn, Andy Meldrum.
"An rud a tha iongantach mu dheidhinn seo, cha robh fios idir aig cuid de na daoine seo gu bheil deagh sgitheadh againn an seo ann an Alba is tha iad dìreach a' faighinn a-mach mu dheidhinn.
"Mar a tha uidheamachd againn, tha e mar as trice fosgailte is tha gèile ann mar as trice co-dhiù. Tha sinne gu math dòchasach gu bheil cunnart sam bith bho Chovid gu math gu math ìosal", thuirt e.
Dh'innis Snowsport Alba gu bheil sgitheadh a' cumail còrr is £30m ris an eaconomaidh ann an Alba gach bliadhna mar as àbhaist, is gum bi iomadach buannachd ann ma tha deagh sheusan aca anns na mìosan ri teachd.