Main content

Bristeadh-dùil do Chaley Thistle

Thog tadhal bho Mharc MacCoinnich an aghaidh Chaley Thisle Inbhir Nis anns an 88mh mionaid Ayr United bhon chòigeamh àite anns an Championship chun dàrna àite agus na play-offs.

Chuir buil a' ghèam ICT, aig an robh cothrom air na play-offs iad fhèin ro làimh, sìos dhan t-siathamh àite.

Bha Inbhir Àir air thoiseach airson mòran dhen ghèam an dèidh do Josh Mullin tadhal fhaighinn anns a' chiad leth, ach bha sgioba Inbhir Nis co-ionnann às dèidh 81 mionaid.

Bha tadhal Nathan Sheathaich a' ciallachadh gum biodh an dà sgioba a-mach às a' phrìomh cheithir, ach chuir MacCoinnich Ayr United air ais suas.

Bha mòr ghàirdeachas an uair sin am measg luchd-leantainn Inbhir Air is an sgioba a' dol còmhnard gu iar-chuairt dheireannach nam play-offs an aghaidh Queen's Park no Partick Thistle.

Rinn ICT oidhirp mhòr anns an dàrna leth agus chaidh iad faisg air tadhail fhaighinn, ach b' anns anns an t-siathamh àite a chrìochnaich iad, às dèidh seasan lìge a bha gu math duilich leis gun robh tòrr chuicheadaiean air an goirteachadh.

Chan e sin an seusan aca seachad buileach ge-tà is Celtic aca anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba an ath-mhìos.

Thuirt manaidsear Ayr United Lee Bullen: "Chluich an dà sgioba pàirt mhòr anns a' ghèam. Tha mi a' faireachdainn beagan truais do Bhilly Dodds (manaidsear ICT), ach tha mi anabarrach toilichte na play-offs a ruighinn".

Chaidh tiotal an Championship, a thuilleadh air iomadh nì eile, chun na h-oidhche mu dheireadh cuideachd, agus b' e Dùn Dè a bhuannaich an lìg, is iad a' dèanamh a' chùis air Queen's Park air falbh bhon taigh 5-3.

/naidheachdan/65507978