'S urrainn dhuinn rud sam bith a dhèanamh le obair chruaidh
Tha Rico Marinovic gus sabaid aig ìre proifeiseanta airson an dàrna turas oidhche 'Haoine is e a' toirt spionnadh dhan ghinealach ùr san gym.
Bhuannaich Rico 'Am Prionnsa Punjabi' a' chiad sabaid proifeiseanta aige sa Chèitean agus thèid e a-steach dhan 'ring' an turas seo an aghaidh Chris Woods.
Tha dithis Ghàidheal eile, Henry agus Seumas, a' trèanadh aig Gym Kynoch ann am Baile Ghobhainn, Glaschu cuideachd.
Tha iad fhathast san sgoil agus a' sabaid aig ìre amaitearach ach tha amasan mòr aca.
Tharraing Henry a charaid, Seumas a-steach dhan spòrs is esan a-nis ag amas air an aon rud ris.
Rud eagalach a bhiodh ann mar as trice do bhalach òg a' coiseachd a-steach gu togalach làn dhaoine tapaidh.
"Tha e gu math neònach a' coiseachd a-steach le daoine cho mòr agus àrd air feadh an àite" thuirt Henry.
Chan eil sin air stad a chuir air ge-tà - tha e air a bhith ann airson dà mhìos a-nis.
"Cùm oirbh"
Tha Rico a' leantainn an dìthis, Henry agus Seumas agus tha e an dòchas gun urrainn dha a bhith na dheagh-eisimpleir dhaibh.
"Tha mi air tòrr ionnsachadh bhon sabaid mu dheireadh"
Bidh aire Rico air an dàrna sabaid proifeiseanta aige oidhche 'Haoine ge-tà.
"Tha mi air tòrr ionnsachadh bhon t-sabaid mu dheireadh." thuirt e.
"'S urrainn dhut a h-uile sìon a tha a' dol mun cuairt air an 'ring' a chluinntinn".
"Agus chan eil e cho luath sa tha bogsadh aig ìre amaitearach agus tha siud a' còrdadh rium gu mòr".
Thèid Rico an aghaidh Chris Woods aig Taigh Òsda an Crowne Plaza ann an Glaschu Oidhche 'Haoine.