"Trioblaid" le drugaichean san iomain
Dh'aidich Manaidsear Leasachaidh na Camanachd gu bheil trioblaidean le drugaichean san spòrs.
Bha Raghnall Ros a' bruidhinn aig coinneimh oidhche Dhiardaoin far an robhar a' deasbad mar a thèid cluicheadairean camanachd fo dheuchainnean airson drugaichean air an t-seasan ùr a tha a' tòiseachadh an ath-mhìos.
Bhruidhinn Mgr Ros - am beachd cuid an cluicheadair iomain as fheàrr a bha riamh ann - gu fosgailte mun t-suidheachadh is e ag ràdh gu bheil trioblaid ann an coimhearsnachdan na h-iomain le drugaichean mar chocain.
'S iad a' bhuidheann UK Anti-Doping (UKAD) a bhios a' làimhseachadh an sgeama ùir do Chomann na Camanachd is bha riochdairean bhon bhuidhinn aig a' choinneimh.
Foghlam
Thuirt iad nach e am prìomh amas aca daoine a ghlacadh ach a bhith a' dearbhadh gu bheil iomain glan bho dhrugaichean, is gum bi iad ag amas gu mòr air foghlam is fiosrachadh a thoirt do chluicheadairean a thaobh dè tha ceadaichte dhaibh is dè nach eil.
Dh'innis iad gum bi iad a' dèanamh co-dhiù deich deuchainnean ann an iomain tron t-seusan ùr - ged nach tòisich seo aig fìor thoiseach an t-seusain - is gum faod iad nochdadh gun rabhadh aig geamaichean is trèanadh.
Chuala cuideachd gur e casg ceithir bliadhna a tha UKAD a' cur an sàs an aghaidh luchd-spòrs a tha air an glacadh is iad air drugaichean a ghabhail.
Thàinig e am bàrr aig a' choinneimh cuideachd gu bheil cuid de chlubaichean iomain mar-thà air deuchainnean a thòiseachadh iad fhèin.