Robasdan mì-thoilichte gu bheil ball-coise a' leantainn
Tha manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis a' ceasnachadh carson a tha Championship na h-Alba a' leantainn còmhla ris a' Phrìomh Lìog nuair a tha lìogaichean eile nan tàmh air sgàth Chovid-19.
Chaidh co-dhùnadh na bu tràithe den t-seachdain seo gum biodh casg ann fad co-dhiù trì seachdainnean anns a' mhòr-chuid de lìogaichean ann an Alba.
Tha cead aig clubaichean an Championship a chumail a' dol ge-tà, ged a dh'fheumas iad deuchainnean a dhèanamh gu cunbhalach.
Bha deuchainnean a' dol air adhart mar-thà sa Phrìomh Lìog.
Mì-thoilichte
Tha Iain Robasdan a' ceasnachadh carson nach do stad an Championship cuideachd.
Thuirt e gu bheil coltas ann gur e dìon a chur air cùmhnantan telebhisein as coireach gu bheil ball-coise aig na h-ìrean as àirde a' leantainn, ach thuirt e nach eil an Championship a' toirt a-steach ach glè bheag de dh'airgead TBh.
Dh'innis e gu bheil e mì-thoilichte gu bheil slàinte nan cluicheadairean aige agus an cuid teaghlaichean gan cur ann an cunnart air na h-adhbharan seo.
Thuirt an Robasdanach cuideachd gun d' fhuair na cluicheadairean agus an sgioba choidsidh aige air fad dearbhadh nach eil Covid-19 orra, ach dh'innis e gu bheil duilgheadas a bharrachd ann le feum air sampaill a chur gu deuchainn-lannan ann am meadhan na h-Alba.