County v Hibs Diciadain dheth
Cha tèid an geama eadar Ross County agus Hibs air adhart ann an Inbhir Pheotharain oidhche Chiadaine mar a bha dùil.
Tha an geama aig Hibs an aghaidh Bhaile Dhùn Lèibhe Disathairne air a chur dheth cuideachd.
Chuireadh an geama ann an Inbhir Pheofharain dheth an toiseach Disathairne is Covid-19 air dithis de chluicheadairean Hibs.
Dh'fhàilich iad deuchainnean "lateral flow" anns a' mhadainn Disathairne às dèidh dhaibh siubhal chun na Gàidhealtachd air bus Dihaoine.
Tha sreath eile de dheuchainneann a chaidh a dhèanamh Didòmhnaich air dà chùis eile de Chovid a dhearbhadh.
Ann am brath-naidheachd, thuirt Hibs; "Chaidh an co-dhùnadh seo a ghabhail às dèidh do dh'àireamh shusbainteach de chluicheadairean, luchd-obrach agus cluicheadairean bhon sgioba leasachaidh dearbhadh fhaighinn gun robh Covid orra anns na beagan làithean a dh'fhalbh.
Airgead-dìolaidh
Tha ceathrar chluicheadairean cuideachd air an goirteachadh agus tha Hibs air innse dhan SPFL nach eil comas aca geamaichean na seachdain-sa a chluiche.
Chaidh an t-ionad trèanaidh aig a' chluba a dhùnadh cuideachd airson obair glanaidh.
Thuirt an SPFL gun tèid cinn-là eile airson nan geamaichean fhoillseachadh "cho luath 's a ghabhas".
Tha County air a dhol an sàs ann an còmhraidhean ris a' bhuidheann-riaghlaidh mu airgead-dìolaidh mu choinneach call-airgid às dèidh mar a chaidh an geama a chur dheth Disathairne gun mòran rabhaidh.