‘S mi an aona mhanaidsear banca a chluich do Mhanchester United’
An Treas Roinn de Lìg Ball-Coise Shydney do dhaoine nas sine na 45 bliadhna a dh'aois - àite car neònach, 's dòcha, 'son dualchas fada ball-coise a chumail a' dol.
Ach am measg nan laoch nach eil buileach deiseil cùl a chur ris an spòrs, a dh’aindeoin cho goirt ‘s a tha iad an ath là, tha duine le blas bog Astràilianach air a chainnt ach ainm is dualchas a tha freumhaichte gu domhain ann am ball-coise Bhreatainn.
Is fiù 's aig 70, tha fios aig Dàibhidh Jack far a bheil an tadhal, coltach ri a sheanair - air an robh an aon ainm - an duine a chuir a' chiad thadhal sa chiad chuairt dheireannach de Chupa an FA aig Wembley.
A' chuairt dheireannach fo na Twin Towers ainmeil ‘son a’ chiad turas is na mìltean mòra a bharrachd na bha dùil a’ nochdadh aig Wembley.
Am measg na bha gam buachailleachd far na pàirce, bha poileas òg air muin eich, sealladh a ghlac aire mòran is a dh’fhàg gun deach an geama eadar Bolton is West Ham ann an 1923 sìos ann an eachdraidh mar Chuairt Dheireannach an Eich Ghil.
“I was intensely interested in the efforts of one mounted constable – a young man with a dozen war ribbons on his chest, astride a shapely grey”, dh’aithris an Athletic News. "This man was more successful in gently forcing back the invaders than anybody else, and his energy never ceased”.
B’ ann uaireigin às dèidh sin a dh’atharraich dath an eich ann an inntinn dhaoine bho ghlas gu geal is sin mar a dh’fhuirich e.
Ach air a' phàirc b' e Dàibhidh Jack gaisgeach an là.
“Jack showed his complete mastery of manoeuvre by an adroit dribble in which his side-stepping, elusive body swerve, and hopping over outstretched legs were most conspicuous, and after beating two opponents he crowned a brilliant drive.
“Thus Jack had not only the honour of scoring the first goal at Wembley and completing an extraordinary sequence of successes with which he has never failed to find the net since the second round of the competition”.
Rachadh an cupa dhachaigh a Bholton. 'S ann dha-rìribh dhachaigh a chaidh e oir rugadh Dàibhidh Jack sa bhaile agus bha athair fhèin air cluich dhan chluba.
“Tha bhideo ann den gheama ann an 1923”, tha Dàibhidh Jack eile ag innse à dhachaigh ann an Sydney is e a’ cuimhneachadh air a sheanair.
“Sheall iad e air telebhisean an seo aona bhliadhna ro chuairt dheireannach Chupa an FA agus ‘s e dha-rìribh tadhal rudeigin sònraichte a bh’ ann”.
Cha robh Dàibhidh Jack deiseil aig an sin. Ann an 1926 chuireadh e an tadhal a bheireadh Cupa an FA air ais a Bholton a-rithist, mus deach a cheannach le Arsenal aig a’ phrìs as motha san t-saoghal aig an àm.
Aig Highbury gheibheadh e a làmhan air Cupa an FA uair eile, rachadh e na sgiobair air Sasainn, is dhèanadh e tuilleadh eachdraidh mar a’ chiad chluicheadair a chuireadh còrr is 100 tadhal do dhà chluba fa leth san lìg as àirde ann an Sasainn, rud nach do rinn ach Jimmy Greaves is Alan Shearer bhon uairsin.
Bha Dàibhidh of the Wanderers is na Gunners ann fada mus robh guth air Roy Race no Melchester Rovers.
“Bha iad an-còmhnaidh ag ràdh gun robh e car spaideil”, tha Dàibhidh ag innse à Sydney. “Chanadh iad gun robh e coltach ri cluicheadair ball-coise uasal".
Ach dìreach mar nach robh each na cuairte deireannaiche dha-rìribh geal, cha robh rionnag mhòr Shasainn buileach mar a bha dùil nas motha. Ged a bha ball-coise gun teagamh na fhuil – ‘s e gu dearbh a dh’fhàg an teaghlach ann am Bolton sa chiad dol a-mach, bha an stòiridh air tòiseachadh còrr is 200 mìle gu tuath, ann am baile beag Alloa.
Stèidhichte an sin san 19mh linn, bha bùth tàillearachd aig Dàibhidh Jack eile. 'S beag an t-iongnadh, ‘s dòcha, gun robh ogha dha, Dàibhidh Jack a’ bhuill-choise, cho spaideil nuair a thigeadh a là fhèin.
Ach cha b’ e stoidhle a-mhàin a bh’ anns na daoine bho thùs. Bha Dàibhidh Jack an tàillear gu math aithnichte gu h-ionadail 'son ghnothaichean eaglaise, dràma - agus spòrs.
Lean a mhac Bob athair. Bha e math air bobhladh is ball-coise gu sònraichte, is fhuair e àite ann an sgioba Alloa Athletic mar dheugaire anns na bliadhnaichean mu dheireadh den 19mh Linn.
Cha robh is chan eil Alloa buailteach greim a chumail ro fhada air cluicheadairean òga matha is chaidh Bob Jack a reic ri Bolton Wanderers, far an robh e a cheart cho soirbheachail.
À Bolton rachadh Bob Jack gu Preston, Glossop, Plymouth is Southend. ‘S ann le Plymouth a choisinn e cliù mar mhanaidsear is e os cionn a’ chluba fad 28 bliadhna, gan toirt a-steach gu Lìg Shasainn. Thug e cuideachd cothrom dha a mhic, Dàibhidh, Rollo is Dòmhnall, mus do reic e Dàibhidh ri Bolton.
Nuair a chaochail e, chaidh dust Bob Jack a sgaoileadh aig dachaigh Plymouth Argyle.
Bha Dàibhidh Jack cuideachd na mhanaidsear is choisinn a mhac, Dàibhidh eile, cliù ann an saoghal sgrìobhaidh spòrs, ag aithris à Cupa na Cruinne tric thar nam bliadhnaichean is a’ sgrìobhadh leabhraichean mu Sir Matt Busby is Len Shackleton, am measg eile.
Dhèanadh e a dhachaigh ann an Astràilia air a’ cheann thall. 'S ann às a sin a ghlac a mhac fhèin - seadh, Dàibhidh a th' airsan cuideachd: "Cha robh mo theaghlach cho buileach cruthachail leis na h-ainmean", tha e ag radh le gàire, aire Manchester United mar dheugaire.
“Dh’iarr iad orm a dhol ‘son deuchainn le United is chaidh mi air ais san t-Samhain 1970”, tha Dàibhidh ag innse.
“Thug iad dhomh cothrom fuireach bliadhna eile ach bha cianalas orm, bha nighean air ais an seo, is bha mi ag ionndrainn na sgioba criogaid agam! Ach chluich mi ann an sgioba B United is chuir mi tadhal no dhà".
“Chluich mi pàirt-ùine ann an Astràilia ùine mhòr is bha mi bliadhnaichean ag obair sa bhanca. Tha mi a’ creidsinn gur mi an aona mhanaidsear banca a chluich do Mhanchester United."
Dh’fhàs clann Dhàibhidh suas ann an Sydney a’ cluich cuideachd, ged nach robh iad buileach a’ tuigsinn ciamar nach tàinig saidhbhreas às na sinnsearan ainmeil aca.
“Bhiodh na balaich agam ag ràdh rium, carson nach eil airgead againn Dad, bha do sheanair na sgiobair air Sasainn! Dh'fhàs iadsan suas ann an linn Dhàibhidh Beckham is chanadh iad seall airsan, tha e beartach. Is chanainn riutha nach robh £8 san t-seachdain a’ dol ro fhada”.
Bhiodh gaisgeach Wembley gun teagamh air fortan a dhèanamh ann an linn eile, ach chan ann airson beartas a chluich na diofar ghinealaichean an geama – bho Alloa gu Bolton is Plymouth, is bho Southend gu Sydney, ach ‘son a’ gheama fhèin.
100 bliadhna bho Chuairt Dheireannach an Eich Ghil is cha mhòr 150 bliadhna bho rugadh Bob Jack ann an Alloa, is ged a tha e fhèin a-nise 70, tha Dàibhidh Jack a’ cumail na feallsanachd sin beò.
“Tha mi fhathast a’ cluich. Bu chòir dhomh a leigeil seachad tha mi a’ creidsinn. Bha obair-lannsa glùine agam ceithir tursan is chan eil maothalan agam air fhàgail a-nise, ach nuair a gheibh thu gu dol tha e ceart gu leòr.
"Bidh thu goirt an ath mhadainn ach ‘s e an rud, dè dhèanainn mura bithinn a’ cluich ball-coise?