Alba 0-6 Sasainn: Droinneadh do dh'Alba agus ceistean a' sìor fhà s
Tha iomairt sgioba ball-coise nam ban aig Alba air crìochnachadh le droinneadh 6-0 an aghaidh Shasainn aig Pàirce Hampden.
Bha fhios aig na h-Albannaich ro-làimh gun do chaill iad an t-àite aca ann am buidheann A1 mar-thà.
Ach bha aon rud a' crochadh air a' gheama - do Shasainn co-dhiù - àite do Team GB aig na Geamaichean Oilimpigeach ann am Paris an ath-bhliadhna ma bha iad a' crìochnachadh na h-oidhche aig mullach na buidhne.
Co-dhiù, chuir An Òlaind stad air an dòchas aca is iad a' buannachadh 4-0 an aghaidh na Beilge, ach ceistean a' fàs mu mhanaidsear na h-Alba, Pedro Martínez Losa, leis an dòigh a chluich an sgioba aige.
"Chan eil mi toilichte mar a tha daoine a' ceasnachadh fìreantachd na sgioba agam."
Sin a thuirt Martínez Losa air thoiseach air a' gheama le cuid am measg na sgioba aige a bhiodh an dòchas Team GB a riochdachadh aig na Geamaichean Oilimpigeach ann am Paris an ath-bhliadhna.
Mar sin, shaoilleadh tu gum biodh na h-Albannaich deiseal gus na ceistean sin a fhreagairt le deagh-oidhirp gus rud beag de phròis fhaighinn air ais às dèidh droch iomairt ann an Lìg nan Nàiseanan.
Ach chan e sin a bha ri fhaicinn dhan 15,320 neach a chaidh dhan gheama aig Pàirce Hampden.
An àite fiù 's pròis fhaighinn air ais le batal air a' phàirce, 's e milleadh a bh' ann air misneachd na h-Alba.
Ro leth-ùine, chuir na Sasannaich ceithir tadhail le Alex Greenwood, Lauren James agus Beth Mead gam faighinn.
Ach às dèidh coltas gun robh na h-Abannaich air chall sa chiad leth, cha robh freagairt sam bith aig Pedro Martínez Losa airson cùisean a dhèanamh nas fheàrr san dàrna leth.
Chuir Fran Kirby an còigeamh tadhal dìreach ceithir mionaid às dèidh leth-ùine.
Agus chuir Lucy Bronze an siathamh fear sna mionaidean mu dheireadh dhen gheama.
Bha e follaiseach gun robh na Sasannaich a' dèanamh a h-uile sìon a bha comasach dhaibh airson an t-uabhas de thadhail fhaighinn, a dh' aindeoin 's cho lag sa bha meadhan na pàirce agus loidhne-dìon nan Albannach.
Bha clàr-thadhal nas fheàrr na na Duitsich a dhìth orra airson crìochnachadh aig mullach na buidhne.
Bha seo a' dol a thoirt cothrom do na Breatannaich cluich aig na Geamaichean Oilimpigeach ann am Paris 2024 leis gun robh Sasann gan riochdachadh san fharpais.
Aig a' cheann thall, cha robh sia tadhail gu leòr leis gun d'fhuair an Òlaind ceithir iad fhèin an aghaidh na Beilge.
Mar sin, briseadh-cridhe a bh' ann don dhà dhùthaich air a' cheann thall.
Uair eile, tha ceistean a' nochdadh agus tha an fheadhain a bha ann mar thà a' fàs mu dhreuchd manaidsear na h-Alba, Pedro Martínez Losa.
Tha an sgioba air a bhith a' strì bho chaill iad a-mach air àite aig Euro 2022.
Chaill iad an aghaidh na Fionnlainn aig deireadh 2020 agus chan eil coltas gu bheil an sgioba nàiseanta air leasachadh a shealltainn bhon uairsin.
Tha cùmhnant Martínez Losa a' ruith gu 2027 ach bidh an luchd-taic airson dòchas air choireigin fhaighinn sa bhad airson Alba fhaicinn aig farpais mhòr uair eile.
Às dèidh a' gheama Dimàirt, fàsaidh sin fada nas doirbhe is iad gu bhith ann am buidheann B Lìg nan Nàiseanan san ath-iomairt.