"Tha mi air mo nà rachadh"
Thuirt Ruairidh Dòmhnallach gun robh e air a nàrachadh às dèidh do Chaol Bhòid a dhol a-mach à Cupa na Camanachd is iad air call 8-1 ri Loch Abar.
Chuir an naidheachd à Drochaid an Aonachain saoghal na h-iomain bun os cionn air an deireadh-sheachdain is gu leòr a' faighneachd cuin mu dheireadh a fhuair sgioba Thaigh na Bruaich - aig a bheil dualchas cho làidir ann an Cupa na Camanachd - pronnadh cho mòr ann am prìomh fharpais na spòrs.
Chuir Shaun MacNeacail na h-Abraich air thoiseach sa chiad mhionaid is bha e 3-0 is dìreach deich mionaidean air an cluich.
Bha an geama seachad aig leth-ùine is Loch Abar 6-0 air thoiseach, is chuir iad a dhà eile san dàrna leth mus d'fhuair Caol Bhòid mu dheireadh thall tadhal air ais anns na mionaidean mu dheireadh.
'S e là air leth a bh' ann do Loch Abar is iad a' dol nas fheàrr na bha mòran a' sùileachadh air an t-seusan seo is iad dìreach air tilleadh dhan Phrìomh Lìog.
'S beag an t-iongnadh gun robh am manaidsear aca Ally Fearghasdan air a dhòigh buileach glan às dèidh làimhe, is e ag ràdh gu bheil na cluicheadairean aige air a bhith ag obair gu cruaidh is gur e seo an là nuair a thàinig a h-uile dad ri chèile.
Bidh na h-Abraich a' sìor fhàs misneachail gun urrainn dhaibh fuireach sa Phrìomh Lìog co-dhiù, le sùil 's dòcha air adhartas a bharrachd.
Ach bha aire mhòran air na thuirt co-mhanaidsear sgioba Thaigh na Bruaich, fear a chuir ceithir tadhail e fhèin nuair a bhuannaich Caol Bhòid an cupa ann an 2012.
"Cha robh e math gu leòr. Bidh Caol Bhòid an còmhnaidh a' sabaid airson a h-uile ball is gu h-àraidh ann an Cupa na Camanachd ach cha robh mi ag aithneachadh mo sgioba an sin", thuirt Ruairidh Dòmhnallach.
"Tha mi air mo nàrachadh is bha e a' tighinn oir cha robh sinn math am-bliadhna. Feumaidh rudeigin atharrachadh. Chan eil sinn fut gu leòr, chan eil sinn a' bualadh a' bhuill ceart, chan eil dad againn aig an aghaidh.
"Mura h-atharraich cùisean gu sgiobalta bidh an seusan seachad is bidh sinn san Lìog Nàiseanta an ath-sheusan agus airson iomadh bliadhna.
"Mura faigh sinn freagairt às tha e cho math dhuinn sguir. Tha sinn a' dol fodha gun strì a dhèanamh is chan eil e math gu leòr".
Thàinig naidheachd ris nach robh dùil às a' Mhanachainn cuideachd far an do chuir a' Mhanachainn Ceann Loch Seile a-mach às a' chupa.
Chrìochnaich na sgiobaidhean 2-2 is an sgioba bhon Lìog Nàiseanta a' dol troimhe air slaicean-peanais.
Bha iongnadh air gu leòr cuideachd mun gheama ann an Cill Taraglain far an do rinn Lòbhat an gnothach 4-1 air Cabar Fèidh. Bha dùil ri geama faisg an sin ach fhuair Lòbhat smachd air tràth is tadhal Chabers a' tighinn anns na mionaidean mu dheireadh nuair a bha an gnothach seachad.
Chaidh Ceann a' Ghiùthsaich air adhart gu furasta 8-1 an aghaidh Bhòid aig an taigh.
Là doirbh airson nan eileanach, ged a chaidh mòladh mòr a dhèanamh air an fhear-glèidhidh aca a thaobh na rinn e gus an sgòr a chumail sìos.
"Shaoil mi gun do rinn sinn an ìre mhath aig amannan ach 's e ceum mòr suas a th' ann an aghaidh sgioba bhon Phrìomh Lìog", thuirt Ryan Craig à Eilean Bhòid.
"Tha iad nas luaithe is nas làidire is bha iad dìreach ro mhath".
Cha deach cho math do sgioba eile Bhàideanach is Baile Ùr an t-Slèibh a' dol a-mach às a' chupa 5-3 an aghaidh Camanachd an Òbain.
Bha na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 às dèidh 90 mionaidean ach bha sgioba an Òbain ro làidir ann an ùine a bharrachd.
Rinn na Sgitheanaich an gnothach air Gleann Urchadain 3-0 - faochadh dhaibh is iad air na trì geamaichean mu dheireadh aca gu seo a chall, is chrìochnaich e 4-0 dhan Ghearasdan an aghaidh Inbhir Nis.
Sa gheama eile an Cupa na Camanachd chuir Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal tadhal anns na diogan mu dheireadh ann an Inbhir Aora 'son gnothaichean fhàgail co-ionnan 2-2. 'S e Calum Mac an Lèigh an gaisgeach aca ann an ùine a bharrachd is sgioba a' bhaile a' dol troimhe 3-2.
Bàideanach ann an sunnd
Ann an iomain nam ban bha deagh là eile aig Bàideanach Didòmhnaich is iad a' cur ochd seachad air Dùn Ad ann an Ceann Loch Gilb.
Tha Bàideanach fhathast aig mullach na lìge is iad air na geamaichean air fad aca a bhuannachadh, ged a thuirt Dùn Ad às dèidh làimh gu bheil iad air misneachadh, taobh a-muigh le mar a tha an sgioba a' tighinn air adhart san Lìog Nàiseanta.
Tha na Sgitheanach am measg na tha a' cumail cuideim air Bàideanach aig a' mhullach is rinn iadsan an gnothach 3-0 air GMA am Port Rìgh Disathairne.
Bha fìor dheagh là aig Caitlin NicIlleathain gu seachd àraid is i a' cur nan tadhal gu lèir 'son an Eilein.
Agus air là doirbh do dh'fhireannaich Cheann Loch Seile, thug na boireannaich togail dhan chluba is iad a' tighinn troimhe 5-4 an aghaidh Ghleann Urchadain.