Main content

Slàinte bodhaig agus inntinn tro bhliadhna Covid

Cha leig mi leas innse do dhuine sam bith gun e bliadhna dhoirbh a bh' ann an-uiridh.

Agus, aig an ìre seo, chan eil mòran choltas gu bheil 2021 gu bhith mòran nas fhearr, airson a' chiad ghreis co-dhiù.

Nuair a thàinig a' chiad ghlasadh sa Mhàirt an-uiridh, chaidh comhairle a thoirt dhomh fhèin agus dhan bhean agam, Rhoda, gun a dhol a-mach air geata airson ceithir mìosan.

Às dèidh bhliadhnaichean far an robh na h-àirnean aice a' sìor a dhol bhuaithe, fhuair ise àirne bho piuthar agus caraid, Donella, sa Lùnastal 2018.

Thòisich an àirne bheag seo a' dèanamh a h-obair sa mhionaid, a' toirt dhi neart agus spionnadh nach robh aice bho chionn bhliadhnaichean. Às dèidh beagan ùine bha i a' cur suas ri 50 mìle air a cùlaibh gach seachdain a' coiseachd shràidean Ghlaschu.

Cunnart

Ach nuair a nochd Covid, nochd cunnart a dh' fhaodadh cur às dhan àirne agus cur às dhi fhèin cuideachd. Bha mise glaiste air cùl dà gheata còmhla rithe air eagal 's gun slaodainn dhachaigh an galair mairbhteach seo.

Às dèidh greimeachadh air beatha ùr fad sia mìosan, cha robh dad a mhiann aig Rhoda a dhol air ais. Fhuair i 'treadmill' agus thòisich i ga chleachdadh grunn thursan san t-seachdain. Tha i nis a' ruith 5K gach dàrna là.

Abair dà là do thè nach b'urrainn 200 slat a choiseachd gun stad. Fhuair i seòmar glainne cuideachd agus bha uimhir a lusan againn 'son ithe gun robh sinn gan toirt seachad dha nàbaidhean. Seo mar a chùm ise a h-inntinn agus a bodhaig fut agus fallain.

'S beag ormsa a bhith a' ruith, gu sònraichte ann an rùm a-staigh. Agus chan eil ùidh agam a bhith ri gàirneilearachd, a bharrachd air gearradh an fheòir agus a' challaid.

Aig toiseach a' ghlasaidh fhuair mi "power hose" air iasad bho nàbaidh. Ghlan mi a h-uile feansa fiodh, geata agus an decking a bha mu chùl an taighe. Aon uair 's gun robh iad air am peantadh, cha robh an còrr agam ri dhèanamh.

Fortanach

Bha mi fortanach gum b'urrainn dhomh m' obair làitheil agus Spòrs na Seachdain a dhèanamh bho bhòrd san taigh.

An còrr dhen ùine bha mi ag ithe cus, ag òl cus fion, a' leughadh leabhraichean agus a' coimhead iPlayer a' BhBC, Netflix agus Amazon Prime nam chnap air an t-sòfa.

Bhithinn tric is minic ag aisling mu bhith a' cluich goilf air cùrsaichean eireachdail fo ghrian theth. Cha robh an t-uisge anns na h-aislingean agam uair sam bith.

Bha fiosam gun robh gnothaichean air fàs dona nuair a thòisich mi ag aisling mu rèisichean a ruith mi aig Geamachan Uibhist a Tuath nam òige agus geamannan ball-coise air machaire Hosta.

Aislingean

Mar a b' fhaide a bha an glasadh a' leanntail, 's ann nas soilleire agus nas mionaidiche a bha na h-aislingean. Seo buaidh annasach a' ghlasaidh.

Bha mi a' faicinn rudan nam shuain a bha glaiste airson còrr is 40 bliadhna ann am preasa nam chuimhne. Bha iad cho soilleir dhomh, 's gun canadh tu gur ann an-dè a thachair iad.

A-rithist cha robh boinne uisge ri fhaicinn. Bha a' ghrian na h-àird gach là air machaire Hosta. Nuair a thòisichear air bruidhinn gun robh fuasgladh a' tighinn bhon ghlasadh, sheas mi air na "scales".

Feum air atharrachadh

Cha robh iad ag innse sgeulachd ro bhrèagha. Bha mi na bu truime na bha mi riamh na mo bheatha. Chan eil mi a' bruidhinn mu unnsaichean agus puinnd, ach clachan. Bha fiosam gum feumadh seo stad.

Chan e eòlaiche a th' annam ann an dòigh sam bith air cuideam a chall, ach tha fios aig coin a' bhaile gu bheil aon rud nas cudromaiche na rud sam bith eile: feumaidh tu nas lugha de bhiadh a chur na do bhroinn.

Tha eacarsaich math agus math dhut, ach cha ghluais an cuideam gus an ith thu nas lugha. Às dèidh a bhith ag ithe mar chù labrador acrach tron ghlasadh cha robh diet 5:2, far am bheil thu ag ithe 500 calorie 'son dà là dhen t-seachdain, math gu leòr nam bheachdsa. Chaidh mise gu 4:3 agus mìos gun boinne fìon neo leann neo rud nas cruaidhe.

Tha mi toilichte a ràdh gun do thuit an cuideam dhìom. Còrr is dà chlach ann an trì mìosan. Ach bha mi cuideachd ag iarraidh a bhith nas fut na bha mi.

Mìorbhaileach

Bha e dìreach mìorbhaileach cothrom fhaighinn tilleadh gu goilf às dèidh 16 seachdainean nam thàmh, gun caman a thogail. A' coiseachd agus a' cluich air cùrsa breagha an cois na mara a' capadaich ri caraid. Cha robh an goilf fhèin ach robach, meirgeach, ach bha mi cheart cho coma. Bha mi saor.

A dh'aindheoin 's gun robh e math tilleadh gu raon goilf, bha fiosam gum feumainn barrachd a dhèanamh airson fàs fut a-rithist. Agus thill mi gu inneal a bh' agam nam chnapach an Uibhist a Tuath.

Seo, gun cheist sam bith, an co-dhùnadh a b' fheàrr a rinn mise ann am bliadhna a' ghlasaidh: cheannaich mi baidhsagal ùr.

Baidhsagal agus baile?

A-nis, bidh gu leòr a' smaoineachadh: "baidhsagal agus baile? A bheil an dà rud a' dol còmhla?" Well, tha. Tha Glaschu air fàs gu math nas mothachail air feumalachdan luchd-baidhsagail airson deagh ghreis a-nis, agus tha an t-uamhas air tachairt bho thàinig a' chiad ghlasadh an-uiridh.

Air feadh a' bhaile tha taobh an rathaid a-nis air a dhìon dha baidhsagalan. Bhon taigh agamsa ann am meadhan a' bhaile thèid agam a dhol gu tuath neo deas, dhan ear neo dhan iar. Tha mi a' taghadh cùrsa ùr gu math tric agus a' faicinn a' bhaile ann an dòigh ùr, nach fhaic thu bho uinneag càr.

Tha am baidhsagal air saorsa do-chreidsinneach a thoirt dhòmhsa. Tha e cho tlachdmhor leum dhan diollaid tràth sa mhadainn, aig deireadh an là neo às dèidh uairean an uaireadair ma choinneamh sgrion coimpiutair.

Dùsgadh

Ann am beagan mhionaidean tha draghan an t-saoghail air èirigh far do ghuailnean. Tha a' ghaoth a' slìobadh d' aodann. Tha do chasan, do sgamhain agus do chridhe a' tòiseachadh ri obair nas cruaidhe. Tha fios agad gu bheil thu na do dhùisg. A' buiceil agus a' bocadaich le beothalachd. Agus tha seo uileag an-asgaidh.

Tha mise fortanach nach robh mi a-riamh a' fulang a thaobh slàinte inntinn. Ach tha làn thuigse agam gu bheil na h-amannan seo doirbh dhan h-uile duine. Gu bheil e cha mhòr do-dhèanta tromachadh inntinn a sheachnadh nuair a tha a h-uile là mar an tè roimhpe agus an tè às a dèidh. Na naidheachdan làn dubhachas agus dòrainn.

Gun cheist, tha na camain goilf agus am baidhsagal a' togail m' inntinn. Chan eil mi a' mothachadh dhan uisge ged a bhiodh i na deàrrsach. Tha a' ghrian an còmhnaidh a' sgoltadh nan creag.

/naidheachdan/55886773