Eacarsaich chruaidh do dh’Alba aig Euro 2020
Mus do thachair na sgiobaidhean an-raoir, cha robh Alba riamh air call an aghaidh Croatia. Ach cha robh na sgiobaidhean riamh air coinneachadh ann an suidheachadh farpaiseach. 'S ann anns an leithid de shuidheachadh a sheall Croatia carson a tha iad 30 àite air thoiseach air Alba ann an rangannan FIFA.
Thàinig sgioba Steve Clarke dhan gheama mu dheireadh aca ann am Buidheann D làn dòchais às dèidh dhaibh puing a thogail aig Wembley air oidhche Haoine. Dhèanadh trì puingean an aghaidh Croatia an gnothach airson Alba a' thoirt seachad air a' chiad ìre de cho-fharpais eadar-nàiseanta airson a' chiad uair nan eachdraidh.
Mar a tha air tachairt iomadh uair thar nam bliadhnaichean, leig daoine thoirt a chreidsinn oirre fhèin gur e seo dùbhlan na b' fhasa na bhiodh e gu fìrinneach.
"Chan eil Croatia ach air 4 de na 15 geamannan mu dheireadh aca a bhuannachadh".
"Tha an sgioba seo air fàs ro shean airson farpais aig àrd-ìre mar a b' àbhaist."
"Bha Croatia cho truagh an aghaidh Sasainn, nach b' urrainn buannachadh an aghaidh Alba."
'S iomadh rosgrann agus abairt a bha ri fhaicinn agus ri chluinntinn ron gheama eadar Alba agus Croatia.
Ach an uair sin thòisich an geama fhèin.
Thàinig na h-Albannaich a-mach gu luath, le cluich gu leòr mun bhogsa aig Croatia. Cha b' urrainn do Ché Adams cothrom a chur dhan lìon às dèidh deagh bhall dhan bhogsa bhon taobh chlì bho Iain McGinn. Cha tigeadh an tadhal ge-ta.
Às dèidh beagan agus cairteal na h-uaireach 's iad Croatia - a thàinig gu Hampden leis an aon droch-fheum air trì puingean - a chaidh air thoiseach. Thàinig ball dhan bhogsa bho bhròg Josip Juranović, chur Ivan Perišić am ball sios le cheann anns a' bhogsa agus chur Nikola Vlašić Croàisia air thoiseach le chas chlì.
Ann an geama anns an robh Alba feumach air trì puingean ach ann an farpais anns nach robh iad air tadhal fhaighinn, bha Alba a-nis feumach air dà thadhal.
Chaill Alba misneachd agus greim sam bith air a' ghèam airson mu 20 mionaid às dèidh sin. 60, 65, 70 a-mach às a' cheud...sin na bha aig Croatia dhen a' bhall agus Luka Modrić, Marcelo Brozović agus Mateo Kovačić air ghleus is iad a' coimhead mar gun robh iad a' cluich spòrs eadar-dhealaichte.
Ach goirid ron bhriseadh, fhuair Alba tadhal. Cha do rinn Croatia math gu leòr agus dà bhall Albannach a' tighinn dhan bhogsa, mus do thuit cothrom gu casan Challum MhicGriogair. Rinn esan gu math airson am ball a stiùireadh dhan oisean airson a' chiad thadhal fhaighinn do dh'Alba.
Deagh àm airson tadhal fhaighinn gun teagamh agus mionaid a thug air an arm thartan creidsinn gun robh dòigh ann an geama seo a bhuannachadh.
Ach chur Croatia cas sìos anns an dàrna leth. Bhon taobh chlì chun an taobh cheart, bha Modrić aig meadhan gach gluasad agus 's e a chur Croatia air thoiseach le tadhal air leth. Bidh cuimhne aig cuid air tadhal sgoinneil a fhuair Modrić an aghaidh Argentina aig Cupa na Cruinne ann an 2018, ach bha i seo a cheart cho math.
Dh'fhàillig air Croatia am bogsa aca a dhìon anns a' chiad leth, ach rinn Alba an aon rud an seo. Thàinig cothrom gu Modrić air oir a' bhogsa, agus stiùir esan oidhirp àlainn seachad air Daibhidh Marshall le taobh a-muigh a chois cheart. 'B e seo tadhal a thàinig bho bhròig a bha air am Ballon d'Or a bhuannachadh roimhe.
Bha Croatia a' cluich aig ìre na b' àirde agus Alba a' strì nan aghaidh. Bho dhà gu trì, stiùir Ivan Perišić oidhirp le cheann thairis air Marshall airson gleans a chuir air cùisean. Bho chionn beagan laithean bha mòran Albannaich agus fiù 's mòran ann an Croatia teagmhach mu neartan sgioba Zlatko Dalić. Fhreagair cluicheadairean bho an leithid Real Madrid, Internazionale agus Chelsea na ceistean sin.
Do dh'Alba, briseadh dùil anns a' chiad ìre de cho-fharpais eadar-nàiseanta airson an 11mh turas. Ach chan eil briseadh-dùil mar seo a' tighinn gun leasan - ged a tha na leasanan sin cruaidh.
Às dèidh cluich aig farpais mòr airson a' chiad uair ann an 23 bliadhna, bidh aire na sgioba a' tionndadh air ais chun an oidhirp faighinn gu Cupa na Cruinne ann an Qatar.
A bheil a h-uile cluicheadair a nochd aig na Euros math gu leòr airson Alba a thoirt gu Qatar? Neo a bheil cluicheadairean eile, an leithid Billy Gimour a rinn cho math an aghaidh Sasainn mus do chaill e geama Chroatia tro CHOVID-19, agus ainmean ùra mar Nathan Patterson neo Daibhidh Turnbull gu bhi a-nis a' faighinn barrachd chothroman?
Gheibh sinn a-mach dè na leasanan a tha an sgioba air ionnsachadh aig na Euros nuair a chluicheas Alba an aghaidh sàr sgioba eile - An Danmhairc - ann an Copenhagen san t-Sultain.