County ag amas air an sgioba a neartachadh
Dh'innis manaidsear Ross County gu bheil e ag amas air an sgioba aige a neartachadh ron gheama an aghaidh Dhùn Dè Disathairne.
Bha Malky MacAoidh a' bruidhinn às dèidh dha na Staggies crìochnachadh 1-1 an aghaidh Obar Dheathain ann an Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt.
Chuir Jonny Hayes Obar Dheathain air thoiseach tràth san dàrna leth ach fhreagair Ross Callachan gu sgiobalta 'son County.
Thuirt MacAoidh gun robh e a' smaointinn gun robh puing do gach sgioba cothromach gu leòr.
Le geama mòr a-nise a' tighinn an aghaidh Dhùn Dè aig Pàirc Dens, dh'innis MacAoidh gu bheil e an dòchas gum bi cluicheadair ùr aige ron sin.
Feum
Ged a tha an uinneag a-nise dùinte, tha cead fhathast aig clubaichean cluicheadairean gun chluba a thoirt a-steach.
"Tha sinn gu math faisg air aonta is bu chòir gum bi e air a dhearbhadh thairis air an ath là no dhà", dh'innis MacAoidh.
"Tha duine no dithis air an goirteachadh is tha geamaichean gu leòr an-dràsta, nì e feum dhuinn cuideigin eile fhaighinn a-steach.
"Tha sinn an dòchas gum bi e dèante a dh'aithghearr", thuirt e.
'S e geama mòr a bhios ann Disathairne is cùisean fhathast teann aig bonn na lìge.
Misneachd
Rinn St Johnstone a' chùis air Baile Dhùn Lèibhe oidhche Mhàirt is iad a' togail trì puingean 'son a' chiad turas bhon Damhair.
Le Dùn Dè a' crìochnachadh 0-0 ri Dundee United, tha iad fhèin is St Johnstone a-nise co-ionnan air 18 puingean, còig air cùlaibh Chounty.
"Chan eil geamaichean furasta san lìog seo is tha dùil againn ri geama doirbh ann an Dùn Dè", thuirt MacAoidh.
"Tha misneachd gu leòr sa bhuidhinn againn is tha sinn a-nise air cluich an aghaidh Rangers is Obar Dheathain gun call, is iad ceithir tadhailean a chur.
"Cuiridh sin ris a' mhisneachd is cumaidh sinn oirnn", thuirt e.