Main content

Cothrom eile don Mhanachainn an Cupa a' Bhaile Mhòir

Thèid a' Mhanachainn agus Inbhir Aora an aghaidh a chèile ann an cuairt dheireanach Chupa a' Bhaile Mhòir Disathairne aig An Àird.

Bha cothrom aig a' Mhanachainn an cupa a thogail is iad sa chuairt dheireannaich ann an 2021 nuair a chluich iad an t-Eilean Sgitheanach sa Ghearasdan.

Ach a dh'aindeoin 's gun d' fhuair Ross Forbes tadhal dhaibh às dèidh dìreach naoi mionaidean, fhreagair na Sgitheanaich gu làidir is chaill a' Mhanachainn 3-1 aig a' cheann thall.

Airson am briseadh-cridhe sin a chur ceart Disathairne, bidh aca ri Inbhir Aora a chluich - sgioba a tha gu math faisg orra san Lìog Nàiseanta.

Tha A' Mhanachainn sia puingean air thòiseach orra aig a' mhullach ach tha Inbhir Aora dà gheama air dheireadh cuideachd.

Mar sin, tha cothrom glè mhath fhathast aig an dà sgioba cupa a thogail agus àite fhaighinn sa Phrìomh Lìog.

A' cluich gu làidir

Dh'fhaodadh an dà sgioba a bhith misneachail a' dol a-steach dhan chuairt dheireannaich.

Chan eil Inbhir Aora ach air aon gheama a chall sa lìog gu ruige seo (an aghaidh na Manachainn 1-3) agus tha iad tric a' cur nan tadhal. Tha iad air 15 dhiubh a chur sna trì geamaichean mu dheireadh aca.

Chan eil iad air an sgioba eile a tha a' cluich gu làidir an-dràsta a chluich fhathast air an t-seusan seo ge-tà - An t-Eilean Sgitheanach.

Tha a' Mhanachainn a' dol fìor mhath agus chan eil iad air gin de na h-aon geamaichean deug aca san lìog a chall air an t-seusan seo.

Tàlant am measg nan sgiobaidhean

Dh'fhaodadh an dà loidhne-dìon a bhith trang Disathairne is tàlant air leth anns na loidhnichean-aghaidh.

Tha Eòghann MacCarmaig, a tha na sgiobair do Sgioba na h-Alba fo aois 17, air 13 tadhail a chur air an t-seusan seo don Mhanachainn.

A bharrachd air sin, chan eil an sgioba ach air 15 tadhail a leigeil a-steach, an coimeas ri 70 tadhal a tha iad air fhaighinn gu ruige seo air an t-seusan.

Chan eil Inbhir Aora air a bhith buileach aig an aon ìre. Tha iadsan air 26 tadhail a leigeil a-steach agus 49 fhaighinn dhaibh fhèin.

Ach tha cluicheadair-aghaidh a bhios làn misneachd acasan cuideachd. 'S e Friseal Watt, a tha air 17 tadhail fhaighinn anns na sia geamaichean mu dheireadh aca.

Eòlas air oir na pàirce

A bharrachd air an tàlant air a' phàirce, bidh gu leòr eòlais air oir na pàirce cuideachd Disathairne.

Tha manaidsear Inbhir Aora, Ruairidh Greumach, air grunn gheamaichean a chluich air an t-seusan seo ged a tha e 48, is an Greumach na phàirt den sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd 'son Inbhir Aora cho fada air ais ri 2004.

Leis gur e cothrom air leth a th' ann do dh'Inbhir Aora cupa fhaighinn ge-tà, dh'fhaodadh gun cleachd e an t-eòlas sin air oir na pàirce seach a bhith anns an sgioba an turas seo.

Ach 's dòcha gum bi a mhac, Ruairidh òg, air a' phàirce Disathairne is esan air cliù a chosnadh dha fhèin anns na bliadhnaichean mu dheireadh cuideachd.

Air an taobh eile, bidh dithis os cionn na Manachainn a tha air cùisean a thionndadh mun cuairt aig a' chluba.

Thàinig Griogar MacCarmaig agus Niall MacIllFhinnein a-steach mar phrìomh choidsichean na sgioba ann an 2021 às dèidh dhaibh a bhith os coinn nan sgiobaidhean fo aois 14 agus 17, is iad gu math soirbheachail aig an ìre sin.

Bhon uair sin, tha iad air cuairt dheireannach Chupa a' Bhaile Mhòir a ruighinn dà thuras ann an sreath, agus thàinig iad glè fhaisg air Ceann a' Ghiùthsaich a chur a-mach à Cupa na Camanachd am-bliadhna cuideachd.

Thèid an geama air adhart Disathairne aig Pàirce na h-Àirde sa Ghearasdan aig 2.30f.

/naidheachdan/62659731