Main content

Bean Mhic Odrum

Chuala mi sgeulachd uaireigin aig na seann daoine ma dheidhinn Clann ’ic Odrum nan Ròn.

Bhiodh iad an uairsin uaireigin a’ cuartachadh cladaich na bu trice na tha iad as an latha an-diugh. Bhiodh iad a’ sealltainn an robh feamainn a’ gabhail tìr airson tobhar ’s thigeadh sgealban de dh’fhiodh air a’ chladach ’s bhiodh bobhtaichean iarainn na luib is gnothaichean dhen t-seòrsa sin. ’S cha robh na gnothaichean sin cho goireasach san àm a bha sin-ach ’s a tha e an-diugh idir: bha e cho duilich dhaibh fhaotainn, ’s bhiodh iad an-còmhnaidh a’ cuartachadh cladaich airson na gnothaichean sin.

Ach, bha ’n t-iomradh co-dhìu gu robh fear seo à Chlann ’ic Odrum a’ cuartachadh cladaich an latha bha seo 's bha e leigeil anail aig a’ bhàgh a bha seo agus shuidh e ri creig a’ fàsgadh. Agus sùil gun tug e bhuaithe ’s ann a chunnaic e ’n grunnan ròin a bha seo a’ dèanamh air tìr as a’ bhàgh a bha seo. Agus bha e gabhail ealla riutha ’s thàinig iad air tìr.

Ghabh iad suas os cionn na tiùrr agus shlaod iad iad fhèin suas ris a’ bhruaich agus ’s ann a chuir iad dhiubh am bian. Agus a cheart cho luath ’s a chuir iad dhiubh am bian thionndaidh iad nam boireannaich bhrèagha. Agus thill iad agus siod a-mach air a’ mhuir gun do ghabh iad. Bha iad a’ cluich ’s a’ snàmh an sin. Ach ghabh e beachd air aon bhoireannach dhiubh, co-dhiù, gu robh i gu math na bu bhrèagha na càch ged a bha iad glè bhrèagha uileag – agus bha am bian a bh’ oirre air leth brèagha seach am bian a bh’ air càch cuideachd.

Agus thuirt e ris fhèin: “Uell, tha mi dìreach dol a dh’fheuchainn ris a’ bhian seo fhaighinn dhomh fhèin agus tha mi dol a dhèanamh aonan tàrrsail air feuch an tàrr mi bhith aige mun tig iad air tìr.” Agus leis a sin, thog e air agus rinn e air a’ bhian bhrèagha bha seo. Ach thug à-san an aire dha agus a-mach gun do ghabh iad air tìr agus rinn a h-uile tè riamh ac’ air a bian fhèin, ach rinn esan air a’ bhian a bha seo agus thàrr e bhith aig a’ bhian mun do ràinig am boireannach e. Rug e air a’ bhian ’s chàirich e na achlais e. Rug càch air na bèin eile ’s a-mach air a’ mhuir gun deach iad nan ròin mar a bha iad roimhe.

Bha am boireannach a’ rànaich agus ag iarraidh air am bian a thoirt dhi son gu falbhadh i cuide ri bana-chompanaich, ach siod rud nach fhaigheadh i. Thuirt e nach fhaigheadh, gu robh esan a’ dol a chumail a’ bhèin. Agus mu dheireadh thall chùm e dhachaigh ’s am bian na achlais ’s bha am boireannach a’ tighinn às a dhèidh ’s i rànaich ag iarraidh a’ bhèin. Ach chùm e air – cha tug e feairt oirre. Ràinig e an taigh agus nuair a fhuair e cothrom chuir e am falach am bian. Agus chuir e am falach air chùl na sparran as an àthaidh, na as an t-sabhal, mar a chanas sibh, am bian.

Agus ’s e bun a bh’ ann co-dhiù, ’s ann a phòs e fhèin agus am boireannach a bha seo agus bha iad, tha e coltach, gu toilichte, gu math toilichte còmhla.