Main content

Dòmhnall MacCruimein agus an Sìthiche

Bha iad ag innse dhòmhsa ann an seann eachdraidhean, a’ chiad Chlann ’ic Cruimein a bh’ ann, ged a bha buaidh ac’ air pìobaireachd, nach robh iad sìon na b’ fheàrr na feadhainn eile tha dol air an t-saoghal seo. Sin mar tha naidheachd a’ dol.
Bha pìobairean matha ann an t-Hogh Beag, shuas mu dheas, o chionn fhada – chan eil fhios am dè linn a bh’ ann – agus chual’ iad mu Chlann ’ic Cruimein, cho math ’s a bha iad gu pìobaireachd. Agus dh’fhalbh dithis aca dhan cois null gu ruige ’n Eilean Sgìtheanach a dh’fheuchainn Chlann ’ic Cruimein. Bha MacCruimein an sin agus bha triùir mhac aige. Bha dithis dhiubh nan deagh phìobairean, ’s bha e fhèin na dheagh phìobaire. Agus bha fear eile ann ris an canadh iad Dòmhnall Gòrach, agus bhiodh e fhèin ag obair air seann phìob a bh’ aige ann an ceann shìos an taighe – ’s e sgioralaich air a’ phìob a bha sin air a thoil fhèin, agus cha robh sìon a dhòigh ann gu dè bha e cluich.

Ach an latha bha seo co-dhiù ràinig an dithis a bha seo à t-Hogh Beag agus fhuair iad a-mach cà robh taigh MhacCruimein. Ràinig iad an taigh. Chuireadh fàilt orra. Dh’innis iad ceann an gnothaich. Thuirt MacCruimein an uairsin:“

Well,” ars esan, “seinnibh fhèin an toiseach,” ars esan, “on is sibh a thàinig gar feuchainn, agus seinnidh sinne an uairsin.”

“O, chan ann mar sin a bhitheas,” arsa pìobairean Hogh Beag, “ach seinnidh sibhse an toiseach: sinne thàinig gur cluinntinn.”

Bha an argamaid a’ dol co-dhiù, agus thuirt seann MhicCruimein: “Trobhad a-nuas, a Dhòmhnaill,” ars esan, “agus thèid thu a dh’iarraidh buideal uisge-bheatha,” ars esan “mun teann a’ phìobaireachd.”

Agus chuireadh Dòmhnall air falbh. Agus bha aige ri dhol seachad air sìthein mus ruigeadh e an t-àite far a faigheadh e an t–uisge-beatha. Nuair a bha e dol seachad air, thàinig bodach mòr liath a-mach agus feusag mhòr air shìos air a bhroilleach, agus dh’èigh e air: “Trobhad a-nall,” ars esan, ”tha fios am càite bheil thu dol agus carson.”

O, bha an t-eagal air Dòmhnall: ged a bha e car gòrach co-dhiù bha an t-eagal air a dhol a null.

“O, chan eil eagal sam bith dhut,” ars esan. “Cha chum mise staigh idir thu,” ars esan, “ach tha mi dol a dh’innse dhut gun tàinig pìobairean à Ceann a Deas Uibhist a dh’fheuchainn Chlann ’ic Cruimein,” ars esan, “agus falbhaidh iad dhachaigh agus cha bhi buaidh idir aca air a’ phìobaireachd ma ghabhas tusa mo chomhairle,” ars esan.

“Gabhaidh,” arsa Dòmhnall.

“Cuir thusa,” ars esan ri Dòmhnall, “do mheuran ri m’ mheuran-s’,” ars esan, “agus cuiridh tu do theanga nam bheul,” ars esan, “agus nuair a nì thu sin,” ars esan, “chan eil pìobaire air an t-saoghal a bheatas tu.”

O, bha Dòmhnall cho gòrach agus rinn e sin.

Ràinig Dòmhnall an taigh-sheinnse dha robh e dol a dh’iarraidh an uisge-bheatha, agus thill e dhachaigh. Agus nuair a thill e dhachaigh ’s a fhuair iad drama ’s a ghabh iad dramaichean, bha iad ag argamaid cò rachadh a sheinn an toiseach. O, cha sheinneadh na Deasaich idir – pìobairean Hogh Beag, agus cha sheinneadh MacCruimein.

“Hod!” ars Dòmhnall, ars esan, “tha sibh uabhasach stiff,” ars esan. “Seinnidh mi fhìn.”

“O luidealaich mhòir,” ars athair, “na teirig faisg air a’ phìob,” ars esan, “mus cuir thu daoine mach às an taigh le do chuid sgioralaich,” ars esan.

Ach thòisich Dòmhnall a’ cluich agus chuir e uabhas air a h-uile duine eile bha san taigh leis cho math ’s a bha e. Agus thuirt muinntir Hogh Beag: “Mas e siod am fear as miosa de Chlann ’ic Cruimein, faodaidh sinn falbh dhachaigh.”

Agus dh’fhalbh iad. Agus siod mar a fhuair Clann ’ic Cruimein sàr phìobaireachd.