Bean Mhic Odrum (2)
Ach ’s an t-àm a thachair seo tha e coltach gur h-ann deireadh an fhoghair a bh’ ann agus bha e dlùthadh, agus nuair a fhuair e fàth latha no dhà às a dhèidh sin agus e dèanamh cruaicheadh ’s ann a fhuair e ’m bian a thoirt far na sparran as an àthaidh 's chuir e gun fhiosd a-staigh dhan chruaich e.
Agus bhiodh e dèanamh sin a h-uile bliadhna, agus sin a’ chruach mu dheireadh a bhiodh e cur a-staigh as t-Earrach. Agus nuair a bhiodh e cur a-staigh na cruaicheadh bhiodh e cur a’ bhèin a’ falach fo na sparran gum biodh e dèanamh na h-ath chruach an ath bhliadhna, 's bhiodh e ’n-còmhnaidh a’ fàgail na cruach sin gu deireadh air càch.
’S bha bliadhna ’s bliadhna dol seachad ’s bha ’n gnothach a’ dol leotha glè mhath, ’s bha i na fìor dheagh bhean agus na deagh mhàthair dhan chloinn – bha chlann aca an uairsin. Agus, co-dhiù, a’ bhliadhna bha seo, as t-Earrach, bha e cur a-staigh na cruaich mu dheireadh mar a b’ àbhaist, agus a’ bhliadhna bha seo ’s ann a bha chlann air fàs suas agus ’s ann a bha feadhainn dhiubh ga chuideachadh a’ cur a-staigh na cruaicheadh. Agus chuir iad a-staigh a’ chruach ’s fhuair esan am bian mar a b’ àbhaist ’s chuir e ’m bian air falach air chùl na sparran san àthaidh.
Agus an oidhche sin, nuair a bha am màthair a’ cur na cloinneadh a chadal, thuirt tè dhen chloinn, dhe na h-igheanan, ri màthair:
“O, mhàthair,” ars ise, “’s e bha brèagha a’ rud a bh’ aig m’ athair as a’ chruaich an-diugh,” ars ise, “as a’ chruaich arbhair.”
“Dè, a ghràidh, a bh’ ann?” ars a màthair.
“Bha,” ars ise, “còta bèin cho brèagha ’s a chunnaic duine riamh.”
“Innis thusa a ghràidh,” ars ise, “cà ’n do chuir e e.”
“Chuir,” ars ise, “gu dearbha, air chùl na sparran,” ars ise, “as an àthaidh.”
“O, ma tha,” ars a màthair, “bidh mise gur fàgail, agus bidh mi air falbh airson greis, ach tillidh mi rithist,” ars ise, “agus cha bhi gainne èisg oirbhse. Biodh sibhse coimhead a-mach air mo shon-sa.”
Agus phòg i chlann agus dh’fhalbh i.
Co-dhiù, chan fhacas sgeul air a’ bhoireannach riamh tuilleadh agus cha robh sgeul air a’ bhian, agus tha iad a’ dèanamh a-mach gun d’ fhuair i grèim air a’ bhian agus gun d’ fhuair i air n-ais dhan chuan mar a bha i roimhe.
Ach, co-dhiù, aig amannan àraid dhen fheasgar, uaireannan, bha sgeir mhòr shìos air beulaibh an taighe agus bhiodh ròn a’ tighinn air tìr as a’ sgeir agus bhiodh i caoineadh agus iasg aice na beul. Agus bhiodh iad a’ dèanamh a-mach gur e seo ise a' tilleadh a’ coimhead airson na cloinneadh agus an t-iasg aice air a’ sgeir a’ feitheamh riutha.
Sin mar a chuala mise a’ stòiridh.