Sgiobair a dh鈥檉h脿g nighean air sgeir
Taigh far am biodh gillean òga cruinneachadh air chèilidh. ’S e taigh seann bhoireannach a bh’ ann – taigh caillich – agus bhiodh sgeulachdan is fealla-dhà gu leòr aig an òigridh ann. An oidhche bh’ ann a sheo, thàinig gille staigh air deireadh air càch agus dh’fhaighneachd e:
“Gu dè,” ars esan, “a dh’fhàg solas ann an dà cheann an taigh ud thall?”
B’ e seo taigh a’ chruiteir a bha rin taobh.
“Tha,” ars am boireannach, “ma tha thu airson fhaighinn a-mach,” ars ise, “thathar a’ breith bean dhut san taigh sin a-nochd.”
Ghabh an gille òg, ghabh e seo gu dona, agus theann càch air gàireachdaich ’s air magadh air. Agus nuair a bha e beagan bhliadhnaichean na bu shine na sin, thog e gu muir agus fhuair e air adhart cho math ’s gu robh e na mhaighistir – gu robh e na oifigeach co-dhiù air soitheach.
Thàinig e air ais dhan bhaile dham buineadh e a dh’fhaicinn a chàirdean an ceann beagan bhliadhnaichean agus chunnaic e an nighean òg chiatach a bh’ ann a sheo. B’ e seo am pàiste bhathar a’ breith an oidhche ghabh e fhèin an tàmailt.
Dh’fhaighneachd e dha pàrantan a faigheadh e i airson a cur do sgoil mhòr agus deagh ionnsachadh a thoirt dhi. Uill, bha pàrantan aig an àm a bha shin, bha iad rudeigin bochd nan suidheachadh – nan crannchur – agus dheònaich a pàrantan e ga toir leis on a bha e dol ga cur còmhla ri càirdean dha fhèin a bheireadh sgoil mhòr dhi.
Thug e leis i agus nuair a bha an soitheach latha no dhà a-mach à caladh thug e air feadhainn dhen sgiobadh bàta chur a-mach agus biadh is deoch a chur sa bhàta agus a dhol gu sgeir a bha faisg orra ’s a’ nighean a chur air a’ sgeir leis a’ bhiadh ’s an deoch a bh’ ann a sheo agus a fàgail ann. Rinneadh seo. Dh’fheumte chomhairle ghabhail, agus dh’fhàgadh a’ nighean air a’ sgeir.
Tha e coltach a rèir na h-eachdraidh gun d’ readh a’ sgeir fodha agus gum biodh a’ nighean bàithte ach nach biodh àsan a fianais dhi a’ faicinn sin a’ tachairt dhi. Thàinig soitheach eile ann an ùine ghoirid às an dèidh ’s bha iad a’ gabhail an aon rathad ’s chunnaic iad neach air a’ sgeir. Stad àsan ’s chuir iad a-mach bàta ’s chaidh criùdha dhan bhàta ’s chaidh iad a-null gu na sgeireadh. Thog iad dheth a’ nighean.
Thug a’ fear sin leis i null fairis agus bha i air a deagh choimhead às a dèidh thall fairis ’s bha e fhèin a’ faicinn nach robh sìon a dhìth oirre a h-uile turas a readh e dhan phort. Dh’innis a’ nighean dha mar a thachair, gur e cur air tìr air a’ sgeir a rinneadh airson gu faigheadh i bàs.
An ceann dhà no trì bhliadhnaichean às a dhèidh sin, a’ fear a chuir air tìr air a’ sgeir i, chaidh e leis a’ bhàta dhan cheart phort far a robh an nighean a bh’ ann a sheo ga cosnadh. Agus aig biadh dhaibh ann an taigh, ghabh e tlachd mhòr dhan nighinn a bh’ ann a sheo ’s theann e ri bruidhinn rithe, ’s bha i bruidhinn ris air ais agus a’ cumail a-staigh air cho math ’s a dh’fhaodadh a bhith. Dh’aithnich a’ nighean e, ach cha do dh’aithnich esan a’ nighean.
’S ann a bh’ ann, dh’fhaighneachd e mu dheireadh dhi nuair a bha a’ soitheach gu falbh, am biodh i deònach esan a phòsadh, gu robh e na mhaighistir luinge. Thuirt i gum bitheadh, nach robh duine bhuineadh dhise ann a shiod 's gum biodh i deònach gu leòr.
“Ceart gu leòr,” ars esan, “nuair a thig mis’ air an ath bhòidse, pòsaidh sinn ann a sheo fhèin.”
Seo mar a bhà. Nuair a thill iad far an ath bhòidse, chuireadh mu dhèidhinn na bainnseadh ’s rinneadh a’ bhanais ’s nuair a bha ’m pòsadh seachad thionndaidh a’ nighean mu chuairt ris a’ mhinistir ’s ris an fheadhainn a bha cruinn – a’ luchd-èisteachd. Dh’innis i dhaibh facal air an fhacal, gu robh nis an fhiosachd a rinneadh dhan duine seo air a choilionadh.
“Agus is mise am boireannach,” ars ise, “thug e leis na h-inghinn òig ’s a chuir e air sgeir mhara, ach thog soitheach eile mi. Tha mi nis ullamh dhe,” ars ise. “Phòs mi e, ach cha bhi ’n còrr dhem ghnòthach ris.”
Agus thionndaidh i is choisich i mach às an eaglais.
Agus dhealaich mise rithe leis a sin.